18mh linn / Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Bàrdachd - Moladh Beinn Dòbhrain

Tha Moladh Beinn Dòbhrain stèidhte air cruth ceòl-mòr na pìoba, a' gluasad air ais agus air adhart eadar rithim stòlda an Ùrlair agus rithim aighearach an t-Siubhail, agus a' crìochnachadh le crùnluath a tha a' gluasad aig astar na seilge.


Cleas a' chiùil-mhòir, tha an dàn a' ruith uair is uair air na cuspairean a chaidh a chur a-mach sa chiad Ùrlar – a' bheinn, na lusan, na h-aibhnichean agus na fèidh – a' cur beagan as ùr riutha gach turas gus mu dheireadh a bheil dealbh againn de Bheinn Dòbhrain a tha a' faireachdainn an dà chuid fìor agus slàn.


Ged nach eil Donnchadh Bàn a' cur fhaireachdainn fhèin an cèill gu follaiseach anns an dàn seo – 's e sin tòrr dhe a neart mar bhàrd - tha an cùram, an ealain agus an t-saothair a tha e a' buileachadh air a' chuspair na theisteanas air a' mheas a tha aige air Beinn Dòbhrain agus gu h-àraidh air na fèidh agus an dòigh-beatha a tha a' dol leotha san robh pàirt chudromach aige fhèin mar fhorsair.


Tha na notaichean a' tarraing aire gu: Rithim, Dealbhan agus na Fèidh.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Moladh Beinn Dòbhrain

  • SIUBHAL
  • ÙRLAR
  • Tha 'n eilid anns an fhrìth
  • Mar bu chòir dhi bhith,
  • Far am faigh i mìlteach
  • Glan-feòirneanach;
  • Bruchorachd is cìob,
  • Lusan am bi brìgh,
  • Chuireadh sult is ìth
  • Air a lòineanaibh;
  • Fuaran anns am bi
  • Biolaire gun dìth
  • 'S mìlse leath' na 'm fìon,
  • 'S e gun òladh i.
  • Cuiseagan is riasg,
  • Chinneas air an t-sliabh,
  • B' annsa leath' mar bhiadh
  • Na na fòlaichean.
  • B' e sin an caidreabh grinn
  • Mu thràth nòine,
  • Nuair a thionaladh iad cruinn
  • Anns a' ghlòmainn:
  • Air fhad 's gum biodh an oidhch',
  • Dad cha tigeadh ribh,
  • Fasgadh bhun an tuim
  • B' àite còmhnaidh dhuibh.
  • Leapaichean nam fiadh,
  • Far an robh iad riamh,
  • An aonach farsaing fial
  • 'S ann am mòr-mhonadh.
  • 'S iad bu taitneach fiamh
  • Nuair bu datht' am bian,
  • 'S cha b' i 'n airc am miann
  • Ach Beinn Dòbhrain.
  • SIUBHAL
  • A' bheinn luiseanach fhailleanach
  • Mheallanach lìontach,
  • Gun choimeas dha fallaing
  • Air thalamh na Crìosdachd.
  • ÙRLAR
  • AN CRÙNLUDH
  • Tha 'n eilid anns a' ghleannan seo,
  • 'S chan amadan gun eòlas
  • A leanadh i mur b' aithne dha
  • Tighinn farasta na còmhdhail:
  • Gu faiteach bhith na h-earalas,
  • Tighinn am faigse dhi mun caraich i,
  • Gu faicilleach, glè earraigeach,
  • Mum fairich i ga còir e;
  • Feadh shloc is ghlac is chamhanan,
  • Is chlach a dhèanadh falach air,
  • Bhith beachdail air an talamh
  • 'S air a' char a thig na neòil air;
  • 'S an t-astar bhith ga tharraing air
  • Cho macanta 's a b' aithne dha,
  • Gun glacadh e dha h-aindeoin i
  • Le h-anabharra seòltachd.

Moladh Beinn Dòbhrain

Dealbh eile anns a bheil tòrr meas ga nochdadh dha na fèidh agus dhan t-seòrsa nàdair aotrom, luasganach a tha aca. Ann an sùilean a' bhàird 's e creutairean sìmplidh, sona a tha annta a tha tlachdmhor an iomadh dòigh – ged nach cuir sin stad air a bhith gan sealg is gam marbhadh!


Teacsa

A' bruidhinn air atharrachadh ann am bàrdachd Dhonnchaidh

Tha mi smaoineachadh ann an Cead Deireannach nam Beann gu bheil atharrachadh mòr ann, seadh, ann an can Cumha Coire Cheathaich fhèin. Ann an Cumha Coire Cheathaich tha e a' cur coire ann an tomhas math air an d'fhear seo a thàinig, Mac Eoghainn tha mi smaoineachadh a bh' air, a thàinig na àite-san, no co-dhiù bha inbhe aige ged nach robh ann aig aon àm ach maor-sheacaid na Caimbeulaich ann an Caisteal a' Bhealaich. Ann an Cead Deireannach nam Beann 's e na h-aignean aige fhèin, am mulad a th' ann fhèin, ach an aois, an aois mhosach mar a theireadh daoine, 's e sin 's dòcha ann an tomhas mòr cuspair an òrain ach chan urrainn dha gun a bhith a' bruidhinn air agus a' cuir an cèill mar a bha Coire Cheathaich aig aon àm.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.