20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Cuspairean

Bha Dòmhnall Ruadh Chorùna na shaighdear anns na trainnsichean anns a' Chiad Chogadh. Sgrìobh e grunnan òrain aig an àm sin anns a bheil e ag innse co ris a bha sin coltach - an dà chuid an t-sabaid fhèin agus, an rud a b' eagalaiche air fad a rèir nan saighdearan, a bhith a' feitheamh airson an t-sabaid tòiseachadh.


Chan eil Dòmhnall Ruadh a' cur sìos air a' chogadh seo no air cogadh san fharsaingeachd mar a bha cuid de bhàird Bheurla an ama seo. Cha mhò a tha e a' cur fhaireachdainn an cèill gu follaiseach mar as trice. 'S ann a bhios e dìreach ag innse dè a tha a' tachairt agus dè an seòrsa suidheachaidh anns a bheil e agus tha na faireachdainnean a' tighinn am follais tron dealbh. 'S e sin neart na bàrdachd aige.


An dèidh tilleadh dhachaigh aig deireadh a' Chogaidh, lean Dòmhnall air ri bàrdachd. Bha a' bhàrdachd seo a' toirt cunntas air rudan a bha a' tachairt san sgìre, cunntas èibhinn glè thric. Bhiodh e cuideachd a' moladh bòidhchead na dùthcha mun cuairt agus daoine ainmeil, no a' toirt dealbh air pàirtean den t-seann dòigh-beatha mar an t-sealg. Uaireannan, bhiodh e a-mach air rudan anns an t-saoghal mhòr, mar an 'H-bomb'.


Anns na bliadhnaichean mu dheireadh dhe bheatha, thill Dòmhnall Ruadh gu bhith a' cur a shuidheachadh pearsanta fhèin far comhair na bhàrdachd. A-nise, 's e an aois, agus an dìth comais agus chothroman a tha tighinn leatha, a tha a' gluasad a bhàrdachd, mar a bha cunnartan a' Chogaidh roimhe sin. Anns na dàin sin tha sinn a' faighinn dealbh shìmplidh, shoilleir bhuaithe air co ris a tha e coltach do dhuine mar esan a bha sunndach, dèanadach a-riamh a bhith a-nise lag agus lapach.


Tha na dàin uile ann an rannaigheachd thraidiseanta. 'S e òrain a tha annta a dh'fhaodas a bhith air an seinn, agus tha sèist le cuid aca. Tha ruitheam agus ceòl an dà chuid na phàirt de thlachd na bàrdachd agus a' cur ris na tha aig a' bhàrd ri ràdh mar as trice.


Tha Dòmhnall Ruadh sa chumantas a' cleachdadh beairteas cànain agus ghnàth-fhaclan airson loinn a chur air a' bhàrdachd. Ach anns na dàin mun chogadh agus mun aois tha e a' cur a smuaintean an cèill ann an dòigh lom shìmplidh, gun mòran sam bith de sgeadachadh.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Air turas chun an Somme

SM: Cho luath 's a thòisich an cogadh liostaig e agus b' ann dha na Camshronaich a chaidh e.

AM: 'S bha moit mhòr aige anns an rèisimeid sin gus an do bhàsaich e. Bha e ri sealg mu do dh' fhalbh e a-riamh.

SM: Bha, agus bha e anns na h-òrain aige nuair a bha e anns a' chogadh. Bha e a' dèanamh ceangal eadar an t-sealg agus an t-saighdearachd, agus a' cumail cuimhne air làithean òige: Cha b' e gunna mo nàmhaid a b' àbhaist mo dhùsgadh ach a' cheileireachd bhòidheach aig na h-èoin an Corùna. Bha an t-saighdearachd, bha e san fhuil aige. Thug e seo bho dhualchas bho shinnsearachd.

AM: Thug, bha e a' gabhail umhail anns an t-saighdearachd tha mi smaoineachadh.

SM: Saoil dè na faireachdainnean a bhiodh aca nuair a bha iad a' fàgail na dachaigh an toiseach.

AM: Uill, 's tric a bhios mise a' smaoineachadh air an sin a Sheonaidh Ailig, ciamar a bha iad a' faireachdainn nuair a bha iad a' fàgail. Feumaidh tu cuimhneachadh nach robh iad air an taigh fhàgail riamh, a' chuid bu mhotha de na gillean sin. Bidh mi ga faicinn fhathast, a' fàgail na dachaighean agus a' smèideadh rin athraichean 's an leithid sin. Agus bha an riaghaltas air innse dhaibh gu robh iad gu bhith air ais airson na bliadhna ùir. Dè a' bhliadhna ùr? Seall fhèin na sluic a tha sin, far an do mharbhadh na ceudan aca. Agus ged nach robh iad cho glan sin, bhiodh iad fodha ann am poll 's ann an eabar agus sin agad an rud a bha romhpa nuair a theirigeadh iad a-null, gun sian a dh' fhios aca. Dh' fhalbh iad ann an aineolas 's gabh an riaghaltas cothrom air an sin, tha iad ag ràdh chun an latha an-diugh gu bheil an leithid sin a' tachairt.

SM: Agus dh' fhalbh iad cuideachd 's iad làn misnich. Bha iad air brosnachadh fhaighinn agus an uair sin bha iad gam faighinn fhèin ann an àiteachan uabhasach mar seo, anns na trainnsaichean. 'S chan eil rian nach do chaill iad am misneachd ri linn sin, saoil an do chaill?

AM: Chan eil fhios 'am. Cha b' urrainn leithid sin do dh' àite a bhith cho mi-choltach ris an àite shìtheil a dh' fhàg iad. Thàinig iad dhan uabhas a bha seo agus bha iad air an droch chòmhdach. B' e an deise Ghàidhealach a bh' orra ann an seo, rud a bu mhiosa a b' urrainn a bhith orra. Dh'fhuiling iad rud nach tuig sinne gu bràth.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.