Taghadh à lèirmheas a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Dòmhnall Ruadh Chorùna, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacLeòid, D. I. (Am Foghar 1969) Dòmhnall Ruadh Chorùna, Òrain is Dàin le Dòmhnall Dòmhnallach à Uibhist a Tuath.
Gairm, 68, td. 371

"Tha a-nise leabhar eile againn nach cuir dorradas air mòran – "Dòmhnall Ruadh Chorùna," bàrdachd cho tlachdmhor, inntinneach 's a leugh mi o chionn ghreis.
'S e an Cogadh an toiseach a dh'fhad spiorad a' bhàird an Dòmhnall Ruadh. Bha e 27 nuair a thogadh e a Chogadh a' Cheusair: eadras sin is 1920 (7 bliadhna) rinn e dusan òran anns a bheil e cur an cèill na chaidh e troimhe fad nam bliadhnaichean deuchainneach sin.
Cha tug an Cogadh cumadh ùr air a bhàrdachd mar a thachair do Iain Rothach. Cha mhotha na sin a tha teagamh aige san adhbhar anns a bheil e sabaid no a tha co-fhaireachdainn aige ri nàimhdean mar a bh'aig Wilfred Owen is, gu ìre, aig Murchadh Moireach is T. D. MacDhòmhnaill. Ach cha tuirt sin gur e bàrdachd brosnachaidh a rinn e mar a rinn Iain Ruadh Stiùbhart, Mac Mhaighstir Alasdair is leithid Rupert Brooke: tha Dòmhnall Ruadh a' dèanamh dealbh dhuinn air teothad na sabaid is air dulangas is faireachdainnean nan saighdeir...
Tha cuid a bhàird Ghàidhlig a bhios a' dèanamh òran dìreach airson gu bheil an nàbaidhean measail air an eirmseachd beòil. Bidh iad seo – o Dhonnchadh Bàn gu Bàrd Phaisley – a' tarraing air repertoire àraidh de chuspairean: moladh nan urracha mòra, àbhachd mu bhainnsean is eile, càineadh, moladh an àite dham buin iad. Bidh cuid eile dèanamh dhàn gus faochadh a thoirt do leòn cridhe, feadhainn mar Uilleam MacCoinnich Chnoc Chùsbaig agus leannan Ailein Duinn. B' ann den dara seòrsa seo a bha Dòmhnall Ruadh Chorùna, a thaobh gur e uallaichean a' Chogaidh a rinn bàrd dheth, ach tha aon rud àraidh a tha ga chomharrachadhsan a-mach o chàch. 'S e sin, aon uair 's gun do dh'ionnsaich an Cogadh dha aig aois 27 gu robh comasan bàird aige, chùm e air ri bàrdachd; nuair a thill e às a' Chogadh, cha robh faireachdainnean a chridhe dian gu leòr tuilleadh gu bhith nan cuspair bàrdachd is, mar sin, stiall e air cur-seachadan nam bàrd-baile...
Tha na h-òrain seo cho math ri gin a chuala mi riamh, gu h-àraidh an fheadhainn èibhinn. Tha sùil a' bhàird a' ruith air sgrìob fharsaing – tha e ag aotromas mu "Mhotor Boat Heisgeir" (a' sealltainn snas a bheòil le dealbh air an einnsean) agus "Rocaid nan Ameireaganach," mu chor na dùthcha is mu "Cheit Nic Uisdein." 'S e spòrs as motha tha fa-near dha nuair a tha e mach air innealan ùra is gnothaichean an t-saoghail...
Bho 1920 gu faisg air deireadh a bheatha, bha Dòmhnall Ruadh na nàdar de poet laureate. Ach, sa bhàrdachd mu dheireadh a rinn e tha e tilleadh a-rithist gu bhith dealbhachadh a chridhe fhèin. Rinn feadhainn de na seann bhàird – mar Donnchadh Bàn – seo, ach cha robh an sin, mar bu trice, ach smuainteachadh aig nach robh mòran stèidh nan co-fhaireachdainn. Cha b'e sin do Dhòmhnall Ruadh e...
B'e "An Eala Bhàn" an aon fhear de òrain Dhòmhnaill Ruaidh Chorùna air an robh aithne aig mòran ron seo: tha sinn fada an comain Seonaidh Ailig Mac-a-Phearsain is Fred MacAmhlaidh airson an cruinneachadh snasail seo a chur fa ar comhair. Tha an dà chuid lìomhadh is doimhne am bàrdachd Dhòmhnaill Ruaidh: ma tha duine airson bàrdachd san t-seann nòs Ghàidhlig fhaicinn aig a h-àine, chan eil dol às aige ach an leabhar taitneach seo a cheannach."
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Uilleam Dòmhnallach a' toirt sealladh dhuinn air beatha a' bhàird
Is ainneamh Gàidheal nach cuala mu Dòmhnall Ruadh Chorùna no co-dhiù an t-òran ainmeil aige An Eala Bhàn. Rugadh agus thogadh Dòmhnall Ruadh ann an Corùna, an Cladach a' Bhaile Shear, far an do chaochail e aig aois ceithir fichead anns a' bhliadhna naoi ceud deug trì fichead 's a seachd. Bha Dòmhnall Ruadh sònraichte mar bhàrd, a' dealbhadh uabhas is àmhghar nan trainnseachan sa chiad chogadh mhòr far an do ghabh e fhèin an rèisimeid nan Camshronach. Leònadh Dòmhnall air an Somme far an do rinn e dealbh air a' chòmhstri mar seo...
Bha Dòmhnall Ruadh dèidheil air an t-sealg agus iasgach agus is b' e briseadh dùil mhòr a bh' ann dha fhèin is do shaighdearan eile a' tilleadh an dèidh a' chogaidh nuair nach robh fearann no eile air a thairgsinn dhaibh, mar a ghealladh ron chogadh.
Bha fearann is sealg is iasgach cho domhainn an làimh an uachdarain 's a bha e a-riamh. Tha e a' toirt dhuinn dealbh air an t-suidheachadh seo a dh'adhbhraich na 'land raids' an iomadach àite. An dèidh a' chogaidh lean Dòmhnall Ruadh le cèaird na clachaireachd.
Ged a b'e bàrdachd a' chogaidh as cumhachdaiche aige, gheibh sinn deagh òrain gaoil, òrain seilge agus cuid thiamhaidh, dhomhainn na sheann aois.
Air adhart gu
CeanglaicheanBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.