20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Bàrdachd - Eubhal

Dàn 3

'S e eisimpleir a tha an seo de bhàrdachd nàdair Ghàidhlig san t-seann nòs. Tha am bàrd a' toirt dealbh dhuinn air àite air a bheil e mion-eòlach agus ag innse fhaireachdainn mun àite agus ga mholadh.


Aig 1,138 troigh (347m), suidhichte os cionn Loch Euphoirt, 's i Eubhal a' bheinn as àirde ann an Uibhist a-Tuath.


Tha Dòmhnall Ruadh a' toirt cunntas dhuinn air na seallaidhean mu thimcheall Beinn Eubhail, air seann chleachdaidhean leithid an àirigh agus an t-sealg, agus air na h-eòin agus na beathaichean a tha a' tighinn beò air a' bheinn. Tha e a' cur nan seallaidhean agus nan tachartasan sin far comhair ann an cainnt bheairteach, le dealbhan fhacal sgileil, agus ann an rannaigheachd cheòlmhor san t-seann nòs.


Tha faireachdainn a' bhàird fhèin a' tighinn am follais an siud is an seo sa bhàrdachd. Tha seo gu h-àraidh follaiseach aig an deireadh nuair a tha e a' smaoineachadh air na caraidean a bhiodh a' sealg air a' bheinn còmhla ris uaireigin ach nach eil a-nise beò. Aig an deireadh tha e fhèin a' fàgail beannachd aig a' bheinn.


Eubhal

  • Tha Eubhal mo ghràidh-sa
  • Am bliadhna mar bha i,
  • Gun chaochladh na càradh,
  • Gu blàth agus ciùin;
  • Le aois cha do chnàmh i
  • 'S cha d' liath i le ànradh,
  • 'S nam fhianais gu h-àrd
  • Gu bheil càrnan mo rùin.
  • The grìopaichean dìonach
  • Le còinnich 's le feusaig,
  • A' tàmh annt' tha 'n eunlaith
  • 'S fon sgiath an luchd-gaoil;
  • Gu h-ìseal san ìochdar
  • Tha fuarain gun tìochladh;
  • Cha tràigh is cha tiachd iad –
  • Tha 'n riabh a' ruith saor.
  • Tha d' uillt a' ruith còmhla
  • Feadh ghlinn is le leòidean,
  • Cha cheannaicheadh an t-òr iad –
  • Tha còrr annt' as fhiach;
  • B' e m' iarraidh 's mo shòlas
  • Gu sìorraidh bhith beò ann
  • Ag èisteachd an crònan
  • Gu Òbasaidh shìos.
  • Mun cuairt dhìot mar dhealbh dhomh,
  • 'S mi bruadar do gharbhlaich
  • Far am b' eòlach a' sealg mi
  • 'S an d' mharbh mi chearc-fhraoich,
  • 'S an gèadh air an fhuaradh
  • Air blianagan luachrach –
  • Gur lìonmhor mo luaidhe
  • Sna bruachagan caomh.
  • Tha'n cuan is gun tàmh air
  • Mud chùlaibh a' càpraid,
  • Muir lìonaidh is tràghaidh
  • Gach là riut a' strì;
  • Tha d' fhìor chreagan làidir
  • Le driamlach mun sàiltean,
  • Le feusgain is bàirnich
  • A' fàs air an druim.
  • Far am b' eòlach mo chàirdean
  • San t-samhradh air àirigh:
  • Bu shaidhbhir a bha iad –
  • Buntàt' agus iasg,
  • Le ìm is le càise,
  • Le uachdar 's le blàthaich,
  • Bho cheann Rubha Mhàil
  • Dh'ionnsaigh bàgh Sgor nan Cliabh.
  • Tha d' uamha gu fuaraidh,
  • Gu falachaidh is uaigneach,
  • Le sòbhraichean uaine
  • Nam buailtean ma beul;
  • San anmoch thèid suas innt'
  • Na calmain gu 'n cluasaig,
  • Gus an tàmh iad gu suaimhneach
  • A' duanan ri chèil'.
  • Aig sgaradh nan speuran,
  • Mar dh'òrdaich E fhèin e,
  • Gach aon aca 'g èirigh
  • Nuair 's lèir dhaibh na neòil;
  • A' sgaoileadh bho chèile,
  • Feadh dhùthchannan thèid iad
  • Far an d' fhuair iad an-dè rud –
  • Tha 'n dèidh airson lòn.
  • The leacach an iasgaich
  • Gu morghach geal grianach,
  • Far 'm b' òg thug mi chiad bhreac
  • Air fhiaradh gu tìr –
  • Gach ceum bha mi dèanamh
  • Gam fhàgail 'n-diugh cianail,
  • Is Loch Dùn an t-Siamain
  • Cha dìochuimhnich mi.
  • Tha 'n coileach 's an fhraoch-chearc
  • Fod gheugan le saoirsne –
  • Cha chluinn iadsan aonach
  • Nan caol chon fon tòir,
  • No gàire fhear sunndach
  • Cur fàilte le fùdar
  • 'S a' caogadh an sùla
  • Air chùlaibh nan òrd.
  • 'S e dh'fhàg mi cho brònach
  • Bhith smaointinn gach òigear
  • Chaidh leamsa trod mhòintich
  • Dhan deòin is le spèis,
  • Le sùgradh is sòlas
  • Cur fùdar ri fògradh,
  • 'S nach lùb iad am bròg leam
  • Nas mò air a' cheum.
  • Tha dùil a'm a-màireach,
  • Ma nì rium mo shlàint' e,
  • 'S an t-sìde nam fhàbhar
  • 'S gach càil a bhith leam,
  • Gun dìrich mi àrdan
  • Na guailne a b' fhearr leam
  • 'S gu fàg mi gu bràth
  • Soraidh slàn aig do ghrunnd.
  • Gun crìochnaich mi 'n dàn dhut,
  • Oir 's èiginn dhomh d' fhàgail,
  • Oir chaochail gach mànran
  • Is bhàsaich na suinn;
  • A' ghrian bha gar tàladh,
  • An iar gun do shnàmh i,
  • 'S am fèath a bha blàth,
  • Chaidh a smàladh le gaoith.

Eubhal

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Ag aithris a' chiad cheathramh den dàn, Eubhal

Dòmhnall Ruadh Chorùna ag aithris a' chiad cheathramh den dàn, Eubhal.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall Ruadh Chorùna

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.