20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Bàrdachd - Air an Somme

Thòisich Blàr an Somme air 1 Iuchar 1916. Chaidh faisg air 20,000 saighdear Breatannach a mharbhadh air a' chiad latha a-mhàin. Bhiodh na saighdearan ag ràdh gur e an t-àm nuair a bha iad a' feitheamh ri ionnsaigh a thoirt air an nàmhaid a b' eagalaiche na an t-sabaid fhèin. An seo tha am bàrd a' toirt dealbh air an oidhche ron bhatal chianail seo is iad a' gabhail fois anns an trainnse agus cuideachd air toiseach tòiseachaidh a' bhlàir fhèin. Chan eil e ag ràdh mòran mu fhaireachdainn fhèin. Tha sin a' tighinn tron dealbh a tha e a' toirt dhuinn air na thachair. Tha an dòigh anns a bheil e a' cleachdadh fuaim, agus gu h-àraidh an t-sèist, a' cur gu mòr ris an seo.


Anns a' bhàrdachd tha: dealbh air an t-suidheachadh ro làimh; sealladh farsaing air a' bhlàr; sealladh an t-saighdeir; agus fuaim, cànan agus sèist air an cleachdadh gu sgileil.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


DEALBH

Leòintich

DEALBH

Air an Somme

Air an Somme

  • An oidhche mus deach sinn a-null,
  • Bha i drùidhteach a' sileadh;
  • Bha mi fhèin nam laighe 'n cùil,
  • 'S thug mi sùil feadh nan gillean.
  • Ochan ì, ochan ì,
  • Tha sinn sgìth anns an ionad.
  • Ochan ì, ochan ì.
  • Cuid nan suidhe 's cuid nan suain,
  • Cuid a' bruadar 's a' bruidhinn,
  • Gu robh mhadainn gu bhith cruaidh –
  • "Saoil am buannaich sinn tilleadh?"
  • "Cha dèan biùgailear le bheul
  • Ar pareudadh-ne tuilleadh;
  • Thèid ar dealachadh bho chèil',"
  • Thuirt mi fhèin far mo bhilean.
  • Agus mar a thubhairt b' fhior:
  • Chaidh na ceudan a mhilleadh,
  • Chaidh an talamh às a rian
  • 'S chaidh an iarmailt gu mireag.
  • Dhubh an àird an ear 's an iar,
  • Is an sliabh gu robh crith ann,
  • Is chan fhaighinn m' anail sìos –
  • Aileadh cianail an tine.
  • Is cha chluinninn guth san àm
  • Aig comanndair gar leigeil;
  • Bha na balaich 's iad cho trang
  • Cumail thall na bha tighinn.
  • Bha gach fear a' caogadh sùl,
  • 'S e air cùlaibh a chruinneig,
  • A' cur peileir glas a-null
  • Le uile dhùrachd a chridhe.

Air an Somme

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Turas chun a' Somme

SM: Cho luath 's a thòisich an cogadh liostaig e agus b' ann dha na Camshronaich a chaidh e.

AM: 'S bha moit mhòr aige anns an rèisimeid sin gus an do bhàsaich e. Bha e ri sealg mu do dh' fhalbh e a-riamh.

SM: Bha, agus bha e anns na h-òrain aige nuair a bha e anns a' chogadh. Bha e a' dèanamh ceangal eadar an t-sealg agus an t-saighdearachd, agus a' cumail cuimhne air làithean òige: Cha b' e gunna mo nàmhaid a b' àbhaist mo dhùsgadh ach a' cheileireachd bhòidheach aig na h-èoin an Corùna. Bha an t-saighdearachd, bha e san fhuil aige. Thug e seo bho dhualchas bho shinnsearachd.

AM: Thug, bha e a' gabhail umhail anns an t-saighdearachd tha mi smaoineachadh.

SM: Saoil dè na faireachdainnean a bhiodh aca nuair a bha iad a' fàgail na dachaigh an toiseach.

AM: Uill 's tric a bhios mise a' smaoineachadh air an sin a Sheonaidh Ailig, ciamar a bha iad a' faireachdainn nuair a bha iad a' fàgail. Feumaidh tu cuimhneachadh nach robh iad air an taigh fhàgail riamh, a' chuid bu mhotha de na gillean sin. Bidh mi ga faicinn fhathast, a' fàgail na dachaighean agus a' smèideadh rin athraichean 's an leithid sin. Agus bha an riaghaltas air innse dhaibh gu robh iad gu bhith air ais airson na bliadhna ùir. Dè a' bhliadhna ùr? Seall fhèin na sluic a tha sin, far an do mharbhadh na ceudan aca. Agus ged nach robh iad cho glan sin, bhiodh iad fodha ann am poll 's ann an eabar agus sin agad an rud a bha romhpa nuair a theirigeadh iad a-null, gun sian a dh' fhios aca. Dh' fhalbh iad ann an aineolas 's gabh an riaghaltas cothrom air an sin, tha iad ag ràdh chun an latha an-diugh gu bheil an leithid sin a' tachairt.

SM: Agus dh' fhalbh iad cuideachd 's iad làn misnich. Bha iad air brosnachadh fhaighinn agus an uair sin bha iad gam faighinn fhèin ann an àiteachan uabhasach mar seo, anns na trainnsaichean. 'S chan eil rian nach do chaill iad am misneachd ri linn sin, saoil an do chaill?

AM: Chan eil fhios 'am. Cha b' urrainn leithid sin do dh' àite a bhith cho mi-choltach ris an àite shìtheil a dh' fhàg iad. Thàinig iad dhan uabhas a bha seo agus bha iad air an droch chòmhdach. B' e an deise Ghàidhealach a bh' orra ann an seo, rud a bu mhiosa a b' urrainn a bhith orra. Dh' fhuiling iad rud nach tuig sinne gu bràth.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall Ruadh Chorùna

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.