Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Air an Somme
- An oidhche mus deach sinn a-null,
- Bha i drùidhteach a' sileadh;
- Bha mi fhèin nam laighe 'n cùil,
- 'S thug mi sùil feadh nan gillean.
- Cuid nan suidhe 's cuid nan suain,
- Cuid a' bruadar 's a' bruidhinn,
- Gu robh mhadainn gu bhith cruaidh –
- "Saoil am buannaich sinn tilleadh?"
- "Cha dèan biùgailear le bheul
- Ar pareudadh-ne tuilleadh;
- Thèid ar dealachadh bho chèil',"
- Thuirt mi fhèin far mo bhilean.
- Agus mar a thubhairt b' fhior:
- Chaidh na ceudan a mhilleadh,
- Chaidh an talamh às a rian
- 'S chaidh an iarmailt gu mireag.
- Dhubh an àird an ear 's an iar,
- Is an sliabh gu robh crith ann,
- Is chan fhaighinn m' anail sìos –
- Aileadh cianail an tine.
Air an Somme
Tha fuaimean diofraichte an seo - bheul, pareudadh, chèile, fhèin - fuaim 'eu' cruaidh, coltach ri èigheach. No ri fuaim biùgail? Tha seo iomchaidh oir tha an dealbh a' gluasad on t-sìth agus an t-sàmhchair san trainnse gu na tha a' dol a thachairt an ath latha. Tha e mar gum biodh e gar dùsgadh.
Mothaich an dòigh chòmhraideach anns a bheil seo air a chur, mar gum biodh e dìreach ag innse mu rud àbhaisteach a thachair.


