Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Air an Somme
- An oidhche mus deach sinn a-null,
- Bha i drùidhteach a' sileadh;
- Bha mi fhèin nam laighe 'n cùil,
- 'S thug mi sùil feadh nan gillean.
- Ochan ì, ochan ì,
- Tha sinn sgìth anns an ionad.
- Ochan ì, ochan ì.
- Cuid nan suidhe 's cuid nan suain,
- Cuid a' bruadar 's a' bruidhinn,
- Gu robh mhadainn gu bhith cruaidh –
- "Saoil am buannaich sinn tilleadh?"
- "Cha dèan biùgailear le bheul
- Ar pareudadh-ne tuilleadh;
- Thèid ar dealachadh bho chèil'",
- Thuirt mi fhèin far mo bhilean.
- Agus mar a thubhairt b' fhior:
- Chaidh na ceudan a mhilleadh,
- Chaidh an talamh às a rian
- 'S chaidh an iarmailt gu mireag.
- Dhubh an àird an ear 's an iar,
- Is an sliabh gu robh crith ann,
- Is chan fhaighinn m' anail sìos –
- Aileadh cianail an tine.
- Is cha chluinninn guth san àm
- Aig comanndair gar leigeil;
- Bha na balaich 's iad cho trang
- Cumail thall na bha tighinn.
- Bha gach fear a' caogadh sùl,
- 'S e air cùlaibh a chruinneig,
- A' cur peileir glas a-null
- Le uile dhùrachd a chridhe.
Air an Somme
Bhiodh saighdearan a bha ann an trainnsichean a' Chiad Chogaidh ag ràdh gur e an rud a bu mhiosa nuair a bha iad a' feitheamh ri blàr tòiseachadh, sin an t-àm a bu mhotha a bha eagal orra.
Seo an suidheachadh a tha am bàrd a' cur far comhair an seo. Tha e ga thoirt beò dhuinn ann am briathran sìmplidh ach soilleir, mar gum biodh e dìreach a' còmhradh rinn. Tha sinn a' faighinn dealbh air an uisge, e fhèin ann an cùil agus na saighdearan eile mun cuairt air.


