20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Am Bàrd

Dòmhnall Ruadh Chorùna

Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an àite san deach a thogail agus a reir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blàr Chorùna san Spàinn ann an 1809.


Ged a chaidh e a Sgoil Chàirinis, cha do dh'ionnsaich Dòmhnall a-riamh sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bha bàrdachd san teaghlach agus thòisich e fhèin ri bàrdachd is rannaigheachd nuair a bha e 13 bliadhna.


Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blàr an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhàrdachd aige a' tarraing air an àm seo de bheatha.


Air ais ann an Uibhist, phòs e Anna NicDhòmhnaill ann an 1922 agus bha dithis chloinne aca. A thuilleadh air a bhàrdachd, choisinn e cliù dha fhèin mar shàr chlachair agus mar shealgair a bha air leth sgileil.


Chaochail Dòmhnall air an 13mh den Lùnastal 1967.


Tha cuimhneachan an-diugh ri fhaicinn aig uaigh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.


Latha-breith:

9 Iuchar 1887

Àite:

Corùna, Uibhist a Tuath

Foghlam:

Sgoil Chàirinis, Uibhist a Tuath

Teacsa

Fred MacAmhlaidh a' toirt dealbh air nàdar Dhòmhnaill

Ma tha thu a' bruidhinn air a nàdar, duine air leth toilichte na chrannchar. Agus làn dibhearsain, rabhd, spòrs agus mar a tha fhios agad, chaill e tòrr dheth ri linn a' chogaidh agus thug e bliadhnaichean mòra, mòra mus d'fhuair e an taobh sin de nàdar air ais.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.