
Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an àite san deach a thogail agus a reir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blàr Chorùna san Spàinn ann an 1809.
Ged a chaidh e a Sgoil Chàirinis, cha do dh'ionnsaich Dòmhnall a-riamh sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bha bàrdachd san teaghlach agus thòisich e fhèin ri bàrdachd is rannaigheachd nuair a bha e 13 bliadhna.
Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blàr an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhàrdachd aige a' tarraing air an àm seo de bheatha.
Air ais ann an Uibhist, phòs e Anna NicDhòmhnaill ann an 1922 agus bha dithis chloinne aca. A thuilleadh air a bhàrdachd, choisinn e cliù dha fhèin mar shàr chlachair agus mar shealgair a bha air leth sgileil.
Chaochail Dòmhnall air an 13mh den Lùnastal 1967.
Tha cuimhneachan an-diugh ri fhaicinn aig uaigh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Dòmhnall Ruadh ag innse mun chiad òran a rinn e
Dòmhnall Ruadh Chorùna: Uill, 's e a' chiad òran a chaidh a sgrìobhadh 's e Òran a' Ghuana.
Fred MacAmhlaidh: Òran a' Ghuana?
DRC: 'S e.
FM: Agus dè nise a dh'adhbhraich sin?
DRC: Bha marsanta ri mo thaobh, Dòmhnall Iain Moireasdan agus 's e a thug dhachaigh a chiad uair riamh an guana, mar a chanas sinn.
Agus bhruchd iad uile ga ionnsaigh. Cha robh duine an uair sin a' dol a chur corran no bheum feumad, tuilleadh.
Ach pocannan guana thall 's a-bhos agus smaoinich mi gun dèanainn beagan shearmain dhaibh, is rinn mi sin dhaibh cuideachd.
FM: Tha cuimhn' am gun do chrìochnaich an t-òran... ciamar a bha an earrann mu dheireadh a' dol?
Dòmhnall Ruadh ag aithris a' bhàrdachd...
FM: Agus an Dòmhnall Ruadh a bha sin - b' e seo thu fhèin
DRC: O gu dearbha, 's mi.
Air adhart gu
CuspaireanBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.