20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Am Bàrd

Dòmhnall Ruadh Chorùna

Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an àite san deach a thogail agus a reir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blàr Chorùna san Spàinn ann an 1809.


Ged a chaidh e a Sgoil Chàirinis, cha do dh'ionnsaich Dòmhnall a-riamh sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bha bàrdachd san teaghlach agus thòisich e fhèin ri bàrdachd is rannaigheachd nuair a bha e 13 bliadhna.


Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blàr an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhàrdachd aige a' tarraing air an àm seo de bheatha.


Air ais ann an Uibhist, phòs e Anna NicDhòmhnaill ann an 1922 agus bha dithis chloinne aca. A thuilleadh air a bhàrdachd, choisinn e cliù dha fhèin mar shàr chlachair agus mar shealgair a bha air leth sgileil.


Chaochail Dòmhnall air an 13mh den Lùnastal 1967.


Tha cuimhneachan an-diugh ri fhaicinn aig uaigh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.


Latha-breith:

9 Iuchar 1887

Àite:

Corùna, Uibhist a Tuath

Foghlam:

Sgoil Chàirinis, Uibhist a Tuath

Teacsa

Dòmhnall Ruadh ag innse cuin a thòisich e a' dèanamh òrain

Dòmhnall Ruadh Chorùna: Thòisich suas mu thrì bliadhn deug ach cha bhithinn ach ga fhalach. Cha leigeadh an nàire leam an nochdadh.

Fred MacAmhlaidh: Ann ann mar sin a bha?

DRC: O 's ann.

FM: Agus dè a' chiad òran a rinn sibh?

DRC: O aig an t-sealbh a tha brath gu dè a' chiad fhear a rinn mi. Chan eil sgeul air an sin, rinn grunn mus do nochd mi iad. Ach nuair a fhuair iad a-mach gun robh an leithid a rud annam, cha robh rann nach fhaighear o Dòmhnall Ruadh an uair sin. Agus mu dheireadh leig mi cead siubhail le mo theanga.

Ach aon rud tha mi glè thoilichte ann, cha do rinn mi droch òran riamh a chuireadh droch rud air duine eile. Ghabh mi uiread sin a chomhairle o mo mhàthair. Thug i bòidean orm gun duan no droch òran a dhèanamh a bhiodh òigridh a'gabhail 's mi anns an t-sìorraidheachd agus ghabh mi uiread sin de a comhairle. Agus cha d'fhiach dhomh tòiseachadh tuilleadh... tha mi gus a bhith aig a' mhìle mu dheireadh dhen rathad anns an t-saoghal seo.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.