20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Am Bàrd

Dòmhnall Ruadh Chorùna

Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an àite san deach a thogail agus a reir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blàr Chorùna san Spàinn ann an 1809.


Ged a chaidh e a Sgoil Chàirinis, cha do dh'ionnsaich Dòmhnall a-riamh sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bha bàrdachd san teaghlach agus thòisich e fhèin ri bàrdachd is rannaigheachd nuair a bha e 13 bliadhna.


Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blàr an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhàrdachd aige a' tarraing air an àm seo de bheatha.


Air ais ann an Uibhist, phòs e Anna NicDhòmhnaill ann an 1922 agus bha dithis chloinne aca. A thuilleadh air a bhàrdachd, choisinn e cliù dha fhèin mar shàr chlachair agus mar shealgair a bha air leth sgileil.


Chaochail Dòmhnall air an 13mh den Lùnastal 1967.


Tha cuimhneachan an-diugh ri fhaicinn aig uaigh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.


Latha-breith:

9 Iuchar 1887

Àite:

Corùna, Uibhist a Tuath

Foghlam:

Sgoil Chàirinis, Uibhist a Tuath

Teacsa

Beatha Dhòmhnaill Ruaidh às deidh a' chogaidh

Nuair a thill e dhachaigh às a' chogadh, cha robh aige ach dìreach a bheò-shlaint, dìreach rud sam bith a thigeadh an rathad 's a' gabhail gach latha mar a thigeadh e. Bha e fhèin ag ràdh gu robh an t-slat-iasgaich 's a mhusgaid, gur iad pàirt dhe bheò-shlaint. Cha robh mòran a' dol aige agus smaoinich e gur ann a thogadh e taigh beag. Bha an taigh a' fàs rudeigin mì-choltach agus thog e an taigh, mar a thuirt e fhèin, gu cearbach le làimh.

Agus glè ghoirid dha an taigh a thogail, cò thigeadh mun cuairt ach an dotair, agus thuirt e, "Tha mi a' faicinn gu bheil thu air taigh a thogail." "Tha," arsa Dòmhnall. "O," ars an dotair, "tha e glè mhath, tha e snog." 'S bha sin ceart gu leòr. Glè ghoirid an dèidh sin, fhuair Dòmhnall brath gu robh aige ri dhol air beulaibh dhotairean. Chaidh e a-mach a Loch nam Madadh, 's chaidh e air beulaibh nan dotairean. 'S an ath bhrath a fhuair Dòmhnall, b' e gu robhas a' dol a thoirt bhuaithe na sgillinnean airgid a fhuair e air sàillibh a leòin. Agus mar a thuirt Dòmhnall fhèin an uair sin, "Bha mise ann am poit an rotha a-rithist. Cha robh dad agam, bha mi falamh. Bha mi a' dèanamh beagan de neart às na bha mi a' faighinn de sgillinnean air sàillibh mo leòin ach thugadh bhuam e ann am priobadh na h-aona sùl."

Duine cruaidh dìcheallach, cha robh leithid de rud ri leisg a' gabhail ri chnàmhan idir. Chan fheuchadh e, mar a thuirt e fhèin, "Feuch an t-àrd 's na fàg an t-ìosal, 's gheibh thu rudeigin."

Cha robh ciùird mhòr aige ach clachaireachd agus smaoinich e an uair sin gun tòisicheadh e a' togail thaighean agus bha e a' togail thaighean fhad 's a bha e air chothrom. Tha mi smaoineachadh gun do thog e mu dheich taighean fichead uile anns an dùthaich. B' e duine uabhasach moch-eireach a bh' ann agus an taigh a bhiodh e togail, bhiodh e gu math tràth anns a' mhadainn a' feitheamh uaireannan gus an èireadh an fheadhainn dha robh e a' togail an taighe.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.