Tha roinn chudromach den bhàrdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh mu dheidhinn a' choimhearsnachd às an tàinig e agus mar a tha a dhàimh fhèin ris an àite agus an dòigh-beatha air atharrachadh, gu h-àraidh on a dh'fhàg e an t-eilean. Ged a tha e a' nochdadh deagh-ghean anns na dàin sin, tha e cuideachd a' togail cheistean cruaidh uaireannan.
Tha ùidh mhòr aig MacAmhlaigh ann an daoine agus an deiligeadh ri chèile.
Bidh e tric a' tòiseachadh le rudan cumanta a chunnaic e no a thachair dha. Mar eisimpleir, balach beag a' cluich ann an 'Iain am measg nan Reultan' no teaghlach Turcach aig fèill ann an 'Latha Fèille'. Bidh e gan sgrùdadh gu mionaideach, bho gach sealladh, a' tarraing smuaintean domhainn à suidheachaidhean sìmplidh. Ann an 'Iain am measg nan Reultan', tha am balach beag a tha a' tilgeil a dhèideagan mu chasan a' bhùird a' samhlachadh mac-meanmna a' faighinn làmh an uachdair air saidheans, a rèir choltais.
'S e sgoilear a tha ann an Dòmhnall MacAmhlaigh a bha na Àrd-Ollamh agus tha buaidh na h-eanchainn agus na sgoileireachd tric ri fhaicinn sa bhàrdachd aige. Tha sin fìor fiù 's ann am bàrdachd gaoil leithid 'Ceumannan'. Glè thric anns na dàin sin, agus ann am feadhainn air Cuspairean eile cuideachd, tha e a' beachdachadh air nàdar na bàrdachd agus nan ealan.
Ged a tha a' bhàrdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh uaireannan doirbh agus domhainn, tha cuid a dhàin, leithid 'An t-Sean-bhean', anns nach eil ach dealbh sìmplidh, inntinneach air daoine, an coltas no an nàdar.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de dh'ìomhaighean na bhàrdachd, mar as trice measgaichte le dòighean-sgrìobhaidh nas dìriche. Uaireannan tha a' Ghàidhlig aige domhainn agus toinnte ach, uaireannan eile, tha i sìmplidh agus còmhraiteach. Glè thric bidh na dhà an lùib a chèile ann an dàn.
Anns a' chumantas, bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd na bhàrdachd agus mar as trice tha cruth na bàrdachd air an duilleig a' cur ris an dealbh no a' phuing a tha e a' dèanamh. Tha tòrr den bhàrdachd aige tlachdmhor ri leughadh a-mach. Tha i nas ceòlmhoire agus na ruitheamhan nas làidire na shaoilear air a' chiad sealladh.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Na cuspairean as tric a bhios a' nochdadh na sgrìobhadh
Tha mi a' smaoineachadh gur e an seòrsa rud a bhios ag èiridh anns a' bhàrdachd agam a-rithist 's a-rithist, gur e mo dhealachadh bho mo choimhearsneachd ghnàthasaich agus mar a bha buaidh aig an sin air m' àite sa choimhearsneachd anns a bheil mi a-nis, gu cumanta co-dhiù. Agus rudan eile mar sòisealas dòchasach is rudan dhen sin. Cuideachd, daonnachd, dè mar a tha daoine a' dol an sàs ri chèile 's dè an seòrsa taic is mì-thaic a tha iad a' dèanamh dha chèile. Bidh rudan den t-seòrsa sin ag èiridh glè thric. O, is cùisean mar cràbhadh 's an leithid sin, rud aig a bheil buaidh mhòr air mo choimhearsneachd ghnàthasaich.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.