20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Cuspairean

Tha roinn chudromach den bhàrdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh mu dheidhinn a' choimhearsnachd às an tàinig e agus mar a tha a dhàimh fhèin ris an àite agus an dòigh-beatha air atharrachadh, gu h-àraidh on a dh'fhàg e an t-eilean. Ged a tha e a' nochdadh deagh-ghean anns na dàin sin, tha e cuideachd a' togail cheistean cruaidh uaireannan.


Tha ùidh mhòr aig MacAmhlaigh ann an daoine agus an deiligeadh ri chèile.


Bidh e tric a' tòiseachadh le rudan cumanta a chunnaic e no a thachair dha. Mar eisimpleir, balach beag a' cluich ann an 'Iain am measg nan Reultan' no teaghlach Turcach aig fèill ann an 'Latha Fèille'. Bidh e gan sgrùdadh gu mionaideach, bho gach sealladh, a' tarraing smuaintean domhainn à suidheachaidhean sìmplidh. Ann an 'Iain am measg nan Reultan', tha am balach beag a tha a' tilgeil a dhèideagan mu chasan a' bhùird a' samhlachadh mac-meanmna a' faighinn làmh an uachdair air saidheans, a rèir choltais.


'S e sgoilear a tha ann an Dòmhnall MacAmhlaigh a bha na Àrd-Ollamh agus tha buaidh na h-eanchainn agus na sgoileireachd tric ri fhaicinn sa bhàrdachd aige. Tha sin fìor fiù 's ann am bàrdachd gaoil leithid 'Ceumannan'. Glè thric anns na dàin sin, agus ann am feadhainn air Cuspairean eile cuideachd, tha e a' beachdachadh air nàdar na bàrdachd agus nan ealan.


Ged a tha a' bhàrdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh uaireannan doirbh agus domhainn, tha cuid a dhàin, leithid 'An t-Sean-bhean', anns nach eil ach dealbh sìmplidh, inntinneach air daoine, an coltas no an nàdar.


Tha e a' dèanamh tòrr feum de dh'ìomhaighean na bhàrdachd, mar as trice measgaichte le dòighean-sgrìobhaidh nas dìriche. Uaireannan tha a' Ghàidhlig aige domhainn agus toinnte ach, uaireannan eile, tha i sìmplidh agus còmhraiteach. Glè thric bidh na dhà an lùib a chèile ann an dàn.


Anns a' chumantas, bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd na bhàrdachd agus mar as trice tha cruth na bàrdachd air an duilleig a' cur ris an dealbh no a' phuing a tha e a' dèanamh. Tha tòrr den bhàrdachd aige tlachdmhor ri leughadh a-mach. Tha i nas ceòlmhoire agus na ruitheamhan nas làidire na shaoilear air a' chiad sealladh.


Teacsa

Mar a bhios am bàrd a' sgrìobhadh

Cha bhith dà phìos bàrdachd sam bith a' tighinn gu buill san aon dòigh. Dh' fhaodadh tu tòiseachadh 's an rud a bhith a' dol nad cheann agus an uair sin, nuair a bhios tu deiseil airson tòiseachadh ga sgrìobhadh, dh'fhaodadh e tachairt ann an ùine glè ghoirid. Uaireannan eile, nuair a thòisicheas tu ga sgrìobhadh, chì thu gur dòcha nach bu chòir dhut a bhith a' cantainn rudan na do cheann 's feumaidh tu tòiseachadh a' dèanamh ath-leasachadh air an rud a tha thu a' sgrìobhadh. 'S dòcha nuair a bhios tu air pìos a sgrìobhadh g' eil thu tuigsinn gur e rud gu tur eadar-dhealaichte a' tha thu a' dol a dhèanamh na bha dùil agad 's an leithid sin.

Chan eil aon dòigh sam bith ann 's urrainn dhòmhsa a chantainn faighinn timcheall air. Cha bhi mise co-dhiù a' smaoineachadh, uill, tha mi dol a dhèanamh pìos bàrdachd an-diugh no tha mi dol a dhèanamh pìos bàrdachd an t-seachdain-sa tighinn agus feumaidh mi tòiseachadh a smaoineachadh mu dheidhinn sin. Tha e a' tachairt.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.