20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Bàrdachd - Soraidh

Dàn 4

Anns a' chiad rann, tha am bàrd a' cur a shuidheachadh an cèill ann an sgrìobhadh sìmplidh còmhraiteach. Tha e a' fàgail an eilein agus chan eil e an dùil tilleadh a-chaoidh tuilleadh a dh'fhuireach ann. Tha an dara rann a' toirt a' chuspair, mar a tha e an dùil gun atharraich a bheachdan nuair a dh'fhalbhas e, air adhart le dà ìomhaigh: falbhaidh e ann am breacan, an t-èideadh Gàidhealach, agus tillidh e ann an 'aodach coimheach'.


Anns a' chòrr den dàn, tha MacAmhlaigh a' mìneachadh an t-suidheachaidh ann am briathran dìreach seach tro ìomhaighean. Tha e ag ràdh gun atharraich an ceangal a tha eadar e agus an fheadhainn a tha aig an taigh ach cha tuirt sin nach bi e a cheart cho measail orra. Tha e ag aideachadh gum bi e doirbh 's dòcha toirt orra sin a thuigsinn.


Ged is e saor-rannaigheachd a tha seo, tha fuaimean agus ruithim air an deagh chleachdadh: mar eisimpleir, san rann a' tòiseachadh 'Oir 's doirbh cur an cèill', far a bheil 'chaoine', 'cumhainge', 'saoghal' agus 'tionntadh' a' co-chòrdadh ann am fuaim. Anns an rann mu dheireadh, tha 'mo bhàigh' air a chur a dh'aon gnothaich leis fhèin air an loidhne mu dheireadh. Tha seo a' dèanamh soilleir gu bheil e fhathast measail air an eilean agus na daoine a dh'aindeoin e a bhith a' gluasad air falbh bhuapa.


Soraidh

  • Uill, seo an latha bho dheireadh
  • cha till mi, neo 's iongantas,
  • gu cuaraidh no beart –
  • ged a bha mi suas riutha
  • math gu leòr
  • 's a chuireas mi cùl
  • riutha an dà bheachd.
  • A-màirach bidh falbh ann -
  • mo bhreacan à baile...
  • Is tillidh mi ann an trusgan
  • coimheach
  • 's tòisichidh an deasbad
  • 's an dearbhadh
  • a dh'fhàgas mi na mo thost.
  • Oir 's doirbh cur an cèill,
  • gun neo-chaoine,
  • g' eil am baile
  • ri sìr dhol an cumhainge
  • mar a leudaicheas saoghal
  • 's nach ann ormsa
  • a mhàin
  • thàinig tionndadh
  • 's gu h-àraid
  • is doirbh cur an còmhradh
  • ged tha 'n tionndadh do-chaisgte
  • nach lùghdaich an cor sin
  • mo bhàidh.

Soraidh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Uill tha Sòraidh mu dheidhinn an dealachaidh a bha mi a' faicinn bu mhotha a bha air tachairt eadar mi-fhèin 's mo choimhearneachd. Nuair a bha mi anns an oilthigh, bhithinn ag obair ann an cuaraidh aig an rathad airson cosnadh - stuth rathaid 's mar sin. Sin aon de na h-oilthighean a b'fheàrr anns an robh mi a-riamh air dòigh. Sin far an do dh'ionnsaich mi tòrr de rudan mu dheidhinn na coimhearsneachd, gu sònraichte fireannaich na coimhearsneachd agus an dòigh anns an robh iad a' dèanamh an dèiligeadh ri chèile nan inntinn... làn dibhearsain, 's còmhradh, 's eachdraidh, bha a h-uile seòrsa rud a' tighinn an-àird an sin.

Bhithinn cuideachd a' fighe le beairt. Bha beairt aig brathair mo mhàthar. Bha esan air falbh ag obair ann an àite eile agus cha do bheartaich e a' bheart a-riamh, cha do chuir e a dhol i. Ach thàinig pal dhomh a nuas à Siabost agus chuir e a' bheart a dhol is bhithinn a' bhliadhna bho dheireadh sin, dìreach a' falbh airson mo sheirbheis nàiseanta a dhèanamh agus cha robh mi a' faicinn gum bithinn a' tilleadh air ais chun na h-obrach sin tuilleadh an dèidh a bhith còig bliadhna ann an oilthighean 's an leithid sin.

Cuideachd, bha mi a' mothachadh dhan an t-seòrsa dealachaidh a bha a' tighinn eadar mi-fhìn 's a' choimhearsneachd. Bhiodh daoine a' coimhead orm ann an dòigh eadar-dhealaichte, feadhainn a chuireadh annas mòr orm a' cantainn 'sibh p'fhèin' rium 's rudan dhen t-seòrsa sin. Tha mi a' smaoineachadh gu robh iadsan a' smaoineachadh gur ann ormsa a bha a h-uile càil de na h-atharrachaidhean air a thighinn ach bha a' choimhearsneachd ag atharrachadh cuideachd, ged is ann tro mo shùilean fhìn a bha mi ga faicinn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.