20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Bàrdachd - An t-Sean-Bhean

Dàn 3

Gheibh thu an seo, air a' chiad sealladh, dealbh shìmplidh, ach shoilleir, air seann bhoireannach a' dol a-mach chun an dorais, a' coimhead mun cuairt agus an uair sin a' tilleadh a-steach air ais. Tha MacAmhlaigh cuideachd, ge-tà, a' toirt dealbh dhuinn an seo air saoghal seann bhoireannach Gàidhealach. 'S e saoghal cumhang a tha ann agus saoghal doirbh, is i nise lapach agus cràidhteach. Is e saoghal a tha ann, air an làimh eile, a bhuineas dhith agus anns a bheil àite agus urram aice: 's ann leathase a tha an talamh – seo a rìoghachd – agus aig an deireadh tha i an sin na suidhe na 'cathair'.


Tha an dàn seo na eisimpleir mhath air saor-rannaigheachd air a deagh chleachdadh. Tha ruitheam ann, tha fuaim air a chleachdadh gu sgileil agus tha am bàrd a' cleachdadh cruth na bàrdachd air an duilleig airson cur ris an dealbh a tha e a' tarraing.


Mar eisimpleir, nuair a tha e bruidhinn air coiseachd na caillich, tha e a' cleachdadh loidhnichean goirid coltach ri na ceumannan aice agus fuaimean cruaidh (mar 'rag') airson sealltainn cho doirbh is goirt is a tha e dhi a bhith gluasad. Nuair a tha i a' cur a-mach a làimh airson tacsa, tha MacAmhlaigh a' cleachdadh loidhne fhada. Tha an loidhne mun mhaide-buinn cuideachd fada, mar a bhiodh am maide fhèin. Tha 'arrasbacan', leis an fhuaim gharg aige agus mar a tha e leis fhèin air an loidhne mu dheireadh, a' samhlachadh mar a tha bonn an dorais na chnap-starra air a bheil e doirbh dhi faighinn seachad.


An t-Sean-Bhean

  • Choisich thu crotach
  • le do bhata
  • sìos ris a' ghàrradh;
  • stad thu 's thog
  • thu cudthrom do chrom-chinn
  • chuir thu do bhois
  • eadar do shùilean 's a' ghrian.
  • Às an dubhar sin
  • dh'amhairc thu air an àiteach,
  • air an t-sreath a bha an crann a' cur thairis,
  • air crìochan nan lota,
  • 's air an t-sliabh
  • ('s thug thu sùil mas robh bhò ann an geimhil).
  • Is thionntaidh thu an uair sin
  • do chasan
  • gun gaoth a' dol eadar iad 's an talamh,
  • is thill thu rag iad
  • a-steach
  • (le do bhata
  • 's do làmh anns a' bhalla)
  • don aitreabh
  • far an robh am maide-buinn air fàs na
  • arrasbacan.
  • Is shuidh thu an sin air do chathair.

An t-Sean-Bhean

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Tha An t-Sean-Bhean mu dheidhinn, tha mi smaoineachadh, seòrsa inbhe a th' aig seann bhoireannach dhen t-seòrsa sin anns an t-saoghal agus an seòrsa seallaidh a th' aice oirre fhèin 's an seòrsa grèim a th' aic' air an t-saoghal.

Tha i a' dol a-mach agus tha i a' coimhead timcheall oirre 's tha i a' faicinn an rud a tha tachairt agus tha i a' smaoineachadh mu dheidhinn na bà, rud a bha cho deatamach na beatha. 'S tha i an uair sin a' tilleadh air ais a-steach dhan taigh. Tha e duilich dhith coiseachd, ach thig i steach agus suidhidh i an uair sin air a cathair - ann an Gàidhlig Bheàrnaraigh 's e facal glè inbheil airson sèithear a th' ann an cathair agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin dìreach an rud a tha a' sealltainn dhut co mu dheidhinn a tha an dàn sin.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.