20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Am Bàrd

Dòmhnall MacAmhlaigh

Ann an 1955 rinn Dòmhnall MacAmhlaigh a sheirbheis nàiseanta anns A' Chabhlach Rìoghail. Dh'ionnsaich e Ruisis agus chuir e seachad 5 mìosan san Tuirc.


Thòisich e ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis. Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain. Ghabh e dreuchd Àrd-ollamh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Anns na bliadhnaichean sin rinn e obair sgoilearachd a thug cliù agus inbhe dha air feadh na dùthcha.


Chaidh Seòbhrach às a' Chloich, leabhar de na dàin aige, fhoillseachdh ann an 1967. Tha a bhàrdachd cuideachd air nochdadh ann an grunn irisean is leabhraichean, agus tha dùil ri leabhar ùr eile bho Acair a dh'aithghearr.


Ann an 1976, dheasaich e Nua Bhàrdachd Ghàidhlig, leabhar cudromach ann an litreachas Gàidhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair còignear de na bàird as ainmeile a bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gàidhlig, e fhèin nam measg.


Bidh e fhathast a' sgrìobhadh agus tha e a' cur seachad ùine a' siubhal eadar Dùn Èideann agus a dhachaigh an Eilean Bheàrnaraigh. Tha e pòsta le dithis chloinne agus còignear oghaichean.


Latha-breith:

21 Cèitean 1930

Àite:

Beàrnaraigh Leòdhais

Foghlam:

Bun-sgoil Bheàrnaraigh, Leòdhas

Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh

Oilthigh Obar Dheathain

Colaiste Emmanual, Cambridge

Teacsa

Carson as e Seòbhrach as a' Chlaich ainm an leabhar?

Cha robh mi anabarrach misneachail mu dheidhinn saoghal na Gàidhlig an uair sin, 's beagan na bu mhisneachail 's dòcha na tha mi an-diugh. Ach bha mi a' smaoineachadh gur dòcha gu robh dòighean ann air am fàsadh e, gun tigeadh fàs ann. Tha mi a' smaoineachadh gu robh mi air fàs rud beag na bu dòchasaiche nuair a chuir mi bhàrdachd sin an clò agus gur robh mi smaoineachadh gun tigeadh fàs. Tha dàn ann an sin air a bheil Mar Chuimhneachan air Mo Sheanmhair agus sin mar a tha an loidhne mu dheireadh a th' ann... agus 's ann às an sin a thàinig an t-ainm.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.