20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Bàrdachd - Gun Stiùir

Dàn 4

Tha an dàn drùidhteach, onarach seo mu chreideamh agus mu theagamhan agus dìth dòchais na bana-bhàird a thaobh a suidheachadh pearsanta.


Tha e a' tòiseachadh le samhlaidhean borb agus eagalach: 'bruaillean' – 's e sin aislingean a tha ag èirigh à droch thinneas; 'anns a' cheothaidh' – air chall agus gun fhradharc; uilebheistean a' dèanamh dannsa fhiadhaich.


Às dèidh na h-aisling, tha i air a fàgail mar a bhios neach nach d' fhuair fois cheart ged a bha e no i air cadal. Tha i a' cleachdadh cainnt mar 'air mo chlaoidh', 'grìseach', agus 'prabach' – sgìths a' tighinn o dìth a' chadail - mar shamhlaidhean air staid a h-inntinn.


Às dèidh sin, tha ìomhaighean aice air an tarraing on mhuir. Tha iad seo nan samhlaidhean air a staid mhì-thoilichte, a' sireadh cinnt agus bunait creideimh is gun i gan lorg. Tha i air chall aig muir, 'gun stiùir'.


Tha seo uile air innse anns an aon rann fhada, a' cleachdadh seann rannaigheachd duain. Tha an dàn a' crìochnachadh le glaodh mhì-dhòchais anns an dà loidhne mu dheireadh.


Gun Stiùir

  • Uair 's am bruaillean na bu teotha,
  • chaidh mi iomrall anns a' cheothaidh,
  • m' uilebheistean ag èirigh na mo choinneamh,
  • a' dannsa mun cuairt an dannsa cathaich.
  • Ged a dh'fheuch mi sabaid riutha,
  • cha d' rinn mi 'n gnothach 'm mùchadh buileach.
  • Dhùisg mi às a' mhearain-chadail
  • 's mi air mo chlaoidh 's mi grìseach prabach,
  • gun chreud, gun bhàt' a stiùirinn romham,
  • gun bhrèid ri chrathadh air a' mhunadh.
  • Thionndaidh mi a-bhos is tharam
  • cha d' fhuair mi Dia no fiù 's Dia coimheach.
  • Ochoin, a Rìgh, 'n e sabaid fhalamh
  • a bhith sgrìobadh na fìrinn às an talamh?

Gun Stiùir

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Tha sin gu math doirbh dhomh bruidhinn mu dheidhinn. Nuair a bha clann agam, cha robh mi a' cumail gu math agus cha d'fhuair mi a-riamh seachad air. Oir, tha mi dìreach, tha mi suas agus sìos agus tha e gu math doirbh dhomh a bhith a' bruidhinn air an leithid seo. Ach 's e seo co mu dheidhinn a tha e coltach a bhith a' sabaid ri tinneas inntinn.

Ann an dòigh, tha e math dhomh fhèin, ach tha e doirbh a bhith ga sgaoileadh. Ach an aon rud, gu faodadh tu a chantail, tha mi a' cuideachadh cuideigin eile le bhith a' bruidhinn air an leithid a rud. Tha daoine a' smaoineachadh gu bheil thu dona ma tha thu a' strì ri tinneas inntinn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Catrìona NicGumaraid

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.