Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Cearcall mun Ghealaich
- Bliadhna mhòr na stoirme
- chunnaic mi cearcall mun ghealaich
- 's dh'fhalbh na h-adagan eòrna
- nan sruth sìos chun a' chladaich,
- is sheas sinn nar triùir ann
- (mi fhèin, mo phiuthar is m' athair)
- a' faicinn obair ar làimhe
- na deann-ruith à sealladh.
- Is chunnaic mi uair eile
- cearcall mun ghealaich –
- aig deireadh samhraidh sgiamhach
- chaidh gaol às mo shealladh.
- Bu riaslach an tìm ud
- gu 'n tàinig leigheas an earraich,
- ach thàinig le tìde
- àm grianach gum aire.
- Ach a-nis, aig deireadh samhraidh,
- chì mi cearcall mun ghealaich
- is tusa a' falbh bhuam
- gu baile an Sasainn,
- 's mo chridhe cho sgaoilte
- na raon mòr fada farsaing
- gun adagan ar gaoil ann
- fon d' fhuair mi fasgadh bha abaich
- - 's ma dh'fhalbhas tu
- cha till grian bhrèagha an earraich.
Cearcall mun Ghealaich
Tha seat de ìomhaighean a' ruith tron bhàrdachd air rudan dona, rudan air am milleadh no rudan a' falbh. An seo tha na h-adagan eòrna a tha math is feumail a' falbh leis an tuil uisge a-mach dhan mhuir. Dè dh'fhaodadh sin a bhith a' samhlachadh ann am bàrdachd gaoil, saoil?

