Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Cearcall mun Ghealaich
- Bliadhna mhòr na stoirme
- chunnaic mi cearcall mun ghealaich
- 's dh'fhalbh na h-adagan eòrna
- nan sruth sìos chun a' chladaich,
- is sheas sinn nar triùir ann
- (mi fhèin, mo phiuthar is m' athair)
- a' faicinn obair ar làimhe
- na deann-ruith à sealladh.
- Is chunnaic mi uair eile
- cearcall mun ghealaich –
- aig deireadh samhraidh sgiamhach
- chaidh gaol às mo shealladh.
- Bu riaslach an tìm ud
- gu 'n tàinig leigheas an earraich,
- ach thàinig le tìde
- àm grianach gum aire.
- Ach a-nis, aig deireadh samhraidh,
- chì mi cearcall mun ghealaich
- is tusa a' falbh bhuam
- gu baile an Sasainn,
- 's mo chridhe cho sgaoilte
- na raon mòr fada farsaing
- gun adagan ar gaoil ann
- fon d' fhuair mi fasgadh bha abaich
- – 's ma dh'fhalbhas tu
- cha till grian bhrèagha an earraich.
Cearcall mun Ghealaich
Cearcall na gealaich a-rithist. An seo tha e a' dol le deireadh samhraidh, crìoch air blàths, agus air fàs – agus is dòcha cuideachd air toileachas? An e cearcall dha-rìribh mun ghealaich a tha seo no dìreach ìomhaigh?
Tha àm 'gun aire', gun dragh air a bhith aice ach tha dragh a' nochdadh a-rithist, rabhadh, m.e. 'an cearcall'.
Thoir an aire a-rithist mar a tha 'cearcall mun ghealaich' air a chleachdadh gu sgileil gus a' bhàrdachd a ghluasad air adhart agus gus a ceangal ri chèile.

