Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Cearcall mun Ghealaich
- Bliadhna mhòr na stoirme
- chunnaic mi cearcall mun ghealaich
- 's dh'fhalbh na h-adagan eòrna
- nan sruth sìos chun a' chladaich,
- is sheas sinn nar triùir ann
- (mi fhèin, mo phiuthar is m' athair)
- a' faicinn obair ar làimhe
- na deann-ruith à sealladh.
- Is chunnaic mi uair eile
- cearcall mun ghealaich –
- aig deireadh samhraidh sgiamhach
- chaidh gaol às mo shealladh.
- Bu riaslach an tìm ud
- gu 'n tàinig leigheas an earraich,
- ach thàinig le tìde
- àm grianach gum aire.
- Ach a-nis, aig deireadh samhraidh,
- chì mi cearcall mun ghealaich
- is tusa a' falbh bhuam
- gu baile an Sasainn,
- 's mo chridhe cho sgaoilte
- na raon mòr fada farsaing
- gun adagan ar gaoil ann
- fon d' fhuair mi fasgadh bha abaich
- – 's ma dh'fhalbhas tu
- cha till grian bhrèagha an earraich.
Cearcall mun Ghealaich
Tha an ìomhaigh seo a' ruith tron bhàrdachd, ga toirt ceum air cheum air adhart agus ga ceangal ri chèile. Seo a' chiad iomradh san dàn fhèin air a' chearcall mun ghealaich, a' stèidheachadh dè a' chiall a tha gu bhith aig an ìomhaigh seo sa bhàrdachd. Cuideachd, dè tha e ciallachadh dhìse, rabhadh gu bheil rudeigin fìor dhona a' dol a thachairt.

