Tha grunn de na dàin aig Aonghas MacNeacail air cuspairean traidiseanta mar cànan, cultar agus dòigh-beatha na Gàidhealtachd, no mun ghaol. Ach bidh e cuideachd a' sgrìobhadh mu cheistean farsaing mar creideamh agus mu nàdar na bàrdachd agus a' mhac-meanmna.
Tha MacNeacail a' cur gu feum ìomhaighean air an tarraing à caochladh dhualchasan, sean agus ùr, na bhàrdachd. Tha e a' cleachdadh rannaigheachd, a-rithist le dreach an dà chuid ùr agus traidiseanta, anns a bheil fuaimneachas làidir agus ritheaman siùbhlach. Glè thric tha e a' cleachdadh nan rudan sin uile còmhla airson saoghal seunta, dìomhair a chruthachadh. Chan eil an còmhnaidh aon smuain shònraichte ag èirigh à dàn àraidh le MacNeacail. Tha e gar fàgail tric le faireachdainn no mothachadh a dh'fhaodas sinn a mhìneachadh ann an diofar dhòighean.
'S e saor-rannaigheachd as motha a bhios am bàrd a' cur gu feum agus tha e ga chleachdadh ann an dòigh ar leth sgileil. Bidh e a' cleachdadh ath-aithris mar seòrsa de shèist agus ruitheaman siùbhlach a tha a' cuimhneachadh dhuinn seann òrain Ghàidhlig leithid nan òran luaidh.
Bidh e cuideachd a' dèanamh feum de choltas an sgrìobhaidh air an duilleig. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a chleachdas e pungachadh mar litrichean mòra no puingean-stad, rud a tha toirt gluasad nas siùbhlaiche dhan bhàrdachd aige.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Tha bhàrdachd aige eadar an t-seann nòs 's an nòs ùr
'S e an diofar eadar bàrdachd anns an t-seann nòis agus bàrdachd anns an nòs ùir, gu bheil bàrdachd anns an t-seann nòis gu buileach airson na cluais. Agus gu dearbha, an dòigh a tha e anns a' chruth anns a bheil e, 's ann airson 's gu bheil e nas fhasa a chuimhneachadh ma tha e ann an sreathan a tha rèidh ri chèile agus fuaimneachadh is eile. Tha sin a' cuideachdadh le cuimhneachadh air pìos bàrdachd.
Chan eil uiread de dh'fheum air cuimhne le bàrdachd a' phàipeir. Ach tha e cuideachd na chofhurtachd dhòmhsa gu bheil e math ri chluinntinn. 'S toigh leamsa a bhith a' smaoineachadh gu bheil a' cheart uiread de thlachd anns an èisteachd ris a' bhàrdachd anns an nòs ùir 's a th' anns a' bhàrdachd anns an t-seann nòis.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.