Tha grunn de na dàin aig Aonghas MacNeacail air cuspairean traidiseanta mar cànan, cultar agus dòigh-beatha na Gàidhealtachd, no mun ghaol. Ach bidh e cuideachd a' sgrìobhadh mu cheistean farsaing mar creideamh agus mu nàdar na bàrdachd agus a' mhac-meanmna.
Tha MacNeacail a' cur gu feum ìomhaighean air an tarraing à caochladh dhualchasan, sean agus ùr, na bhàrdachd. Tha e a' cleachdadh rannaigheachd, a-rithist le dreach an dà chuid ùr agus traidiseanta, anns a bheil fuaimneachas làidir agus ritheaman siùbhlach. Glè thric tha e a' cleachdadh nan rudan sin uile còmhla airson saoghal seunta, dìomhair a chruthachadh. Chan eil an còmhnaidh aon smuain shònraichte ag èirigh à dàn àraidh le MacNeacail. Tha e gar fàgail tric le faireachdainn no mothachadh a dh'fhaodas sinn a mhìneachadh ann an diofar dhòighean.
'S e saor-rannaigheachd as motha a bhios am bàrd a' cur gu feum agus tha e ga chleachdadh ann an dòigh ar leth sgileil. Bidh e a' cleachdadh ath-aithris mar seòrsa de shèist agus ruitheaman siùbhlach a tha a' cuimhneachadh dhuinn seann òrain Ghàidhlig leithid nan òran luaidh.
Bidh e cuideachd a' dèanamh feum de choltas an sgrìobhaidh air an duilleig. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a chleachdas e pungachadh mar litrichean mòra no puingean-stad, rud a tha toirt gluasad nas siùbhlaiche dhan bhàrdachd aige.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Na cuspairean as trìc a tha a' nochdadh sna dàin aige
Tha mi cinnteach an fheadhainn as cumanta a tha daoine a' faicinn, 's e nàdar agus gaol. Bidh creideamh na cuspair ris am bi mi a' faireachdainn gu feum mi dèiligeadh. Chan e bàrdachd cràbhaidh agus chan eil mi cruaidh an aghaidh creideimh.
Bidh mi caran iomagaineach mu dheidhinn nuair a chluinneas mi daoine ag ràdh, ag èisteachd ri Smuain na Maidne, 's nuair a chluinneas mi daoine ag ràdh, an fhìrinn. Bidh mi an còmhnaidh a' smaoineachadh, uill fuirich a bhalaich, cò an fhìrinn? An e an fhìrinn agadsa no an fhìrinn aig do nàbaidh aig a bheil beachd rud beag eadar-dhealaichte air an aon chuspair. Tha fios 'am dè a tha iad a' ciallachadh agus 's e facal cumanta a th' ann. Ach do sgrìobhadair, do bhàrd a tha a' tomhais a h-uile facal, ma tha thu a' cleachdadh facal mar an fhìrinn, tha thu ag ràdh, dè mar a tha cuideigin a tha a' leantainn Buddha ga fhaicinn, dè mar a tha cuideigin a tha na Iùdhach, na Islamach, agus an iomadh sruth a tha anns a' chreideamh Chrìosdaidh fhèin, an fheadhainn nach eil a' creidsinn ann an Dia idir? Feumar gabhail ris gu bheil a h-uile sruth a tha sin onarach dhaibh p'fhèin. Bidh sin 's dòcha a' bualadh air mo smuaintean aig amannan cuideachd.
Ach gu h-àraidh, 's dòcha poilitigs, poilitigs a' chànain agus cainnt fhèin. 'S ann anns a' Bheurla is dòcha a tha mi nas buailtiche a bhith a-mach air cainnt, ma tha mi a' faicinn faclan mar "friendly fire". Ma tha thusa nad sheasamh air faiche cogaidh is gunna bhon taobh agad fhèin a' toirt sgleog dhut, chan eil e uabhasach friendly idir!
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.