Tha grunn de na dàin aig Aonghas MacNeacail air cuspairean traidiseanta mar cànan, cultar agus dòigh-beatha na Gàidhealtachd, no mun ghaol. Ach bidh e cuideachd a' sgrìobhadh mu cheistean farsaing mar creideamh agus mu nàdar na bàrdachd agus a' mhac-meanmna.
Tha MacNeacail a' cur gu feum ìomhaighean air an tarraing à caochladh dhualchasan, sean agus ùr, na bhàrdachd. Tha e a' cleachdadh rannaigheachd, a-rithist le dreach an dà chuid ùr agus traidiseanta, anns a bheil fuaimneachas làidir agus ritheaman siùbhlach. Glè thric tha e a' cleachdadh nan rudan sin uile còmhla airson saoghal seunta, dìomhair a chruthachadh. Chan eil an còmhnaidh aon smuain shònraichte ag èirigh à dàn àraidh le MacNeacail. Tha e gar fàgail tric le faireachdainn no mothachadh a dh'fhaodas sinn a mhìneachadh ann an diofar dhòighean.
'S e saor-rannaigheachd as motha a bhios am bàrd a' cur gu feum agus tha e ga chleachdadh ann an dòigh ar leth sgileil. Bidh e a' cleachdadh ath-aithris mar seòrsa de shèist agus ruitheaman siùbhlach a tha a' cuimhneachadh dhuinn seann òrain Ghàidhlig leithid nan òran luaidh.
Bidh e cuideachd a' dèanamh feum de choltas an sgrìobhaidh air an duilleig. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a chleachdas e pungachadh mar litrichean mòra no puingean-stad, rud a tha toirt gluasad nas siùbhlaiche dhan bhàrdachd aige.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
A' cleachdadh puingeachadh neo-àbhaisteach?
Cha mhi a' chiad duine a chleachd an stoidhle sin agus tha mi cinnteach gu bheil gu leòr eile ga dhèanamh an-diugh. Ach feumaidh mi ràdh, nuair a thòisich mi air, cha robh mi eòlach air mòran a bha ga dhèanamh ach E. E. Cummings, am bàrd Ameireaganach. Ach thàinig e thugam. Cha robh mise a' dol a dhèanamh rud ann an nòs E. E. Cummings air sgàth 's gun do rinn E. E. Cummings e.
Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gur ann le a bhith ag obair eadar an dà chànan. Le bhith ag obair eadar an dà chànan, b' e a' chiad rud a bhuail orm nuair a tha thu a' sgrìobhadh anns a' Bheurla agus ag ràdh mi, tha thu ag radh "I". Tha capital ann an sin. Ach nuair a tha thu a' sgrìobhadh "you", chan eil. 'S tha e mar gum biodh tu ag ràdh, uill tha mise cudromach ach chan eil thusa. Bha e cho sìmplidh ri sin.
An uair sin thòisich mi smaoineachadh nuair a tha thu a' tòiseachadh seantans, chan eil thu a' fuaimneachadh a' chiad litir ann am facal, nas motha na faclan eile. Nuair a tha thu ag ainmeachadh pearsa eile, chan eil thu a' dèanamh fuaim a bharrachd airson a' chiad litir agus 's e seòrsa de deamocrasaidh nan litir a bhith a-mach air dhomh fhèin an toiseach.
Tha thu a' coimhead airson rithim. Tha a' cheart uimhir de rithimeachd ann am bàrdachd anns an nòs ùr 's a gheibh thu ann am bàrdachd san t-seann nòs ach 's e diofar seòrsaichean rithim. Bidh mise a' dèanamh òrain anns an t-seann nòs a bharrachd air a' bhàrdachd anns an nòs ùr, agus tha fhios 'am gu feum na ruitheaman a bhith rèidh le chèile airson òran. Ach ann am bàrdachd anns an nòr ùr, tha thu a' coimhead airson ruitheaman cuideachd.
Ma tha rud mì-chofhurtail ri ràdha, tha fios agamsa nach eil e ceart dhòmhsa. Feumaidh mi atharrachadh gus am faigh mi ruitheam ceart. Is mar sin, tha e na phàirt den dòigh anns a bheil na faclan air an cur sìos air pàipear, a' dol bho loidhne gu loidhne. Cleachdaidh mi beàrn seach puing, mar gum biodh. Ma tha beàrn eadar faclan, gabh tàmhan beag fhad 's a tha thu ga leughadh is rudan mar sin.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.