Co mu dheidhinn a tha an dàn?
Tha e doirbh a ràdh buileach co mu dheidhinn a tha an dàn seo, mu dheidhinn gaol ach tha nithean eile a' nochdadh ann cuideachd. Tha samhlaidhean mararachd is samhlaidhean marsantachd is eile a' nochdadh ann.
Tha cuid de dhàin, tha mi buailteach am fàgail aig an leughadair obrachadh a-mach gu mionaideach co mu dheidhinn a tha iad. Bidh mi a' cuimhneachadh air dà sgeul bheag mu dheidhinn Iain Mac a' Ghobhainn. Aonan a' faighneachd mu aon phìos bàrdachd a bh' aig Robert Browning. Thàinig bodach thuige a dh'fhaighneachd dha, 'Mr Browning, what does this poem mean?' Agus fhreagair Browning, thug e sùil air an dàn a sgrìobh e fhèin iomadh bliadhna air ais, is thuirt e, 'When I wrote that poem I knew what it meant, and God knew what it meant.' Is dh'fhaighnaich mi do dh'Iain an robh gin de na dàin aigesan a bha mar sin, is thuirt e gun smuaint, “Bha, Deer in the High Hills.” Tha earrannan anns a' bhàrdachd a tha sin, 's cha b'urrainn dhòmhsa a ràdh riut dè a tha iad a' ciallachadh, ach tha fios agam gu bheil iad ceart.
Agus sgeul eile, 's e Iain fhèin a' leughadh bàrdachd is thàinig am boireannach seo thuige aig deireadh a' ghnothaich agus leabhar fosgailte aice aig dàn leis a' bhàrd fhèin a bha uabhasach, uabhasach cudromach dhan boireannach a bha seo. Thug i iomradh air, loidhne an dèidh loidhne agus thuirt Iain, 'Not a single line of her interpretation had ever occurred to me, but she was right!'
Is tha sin caran cudromach, gu bheil a h-uile duine a leughas rud a' dol a thoirt an cuid fhèin às, tha'd a' dol a thoirt an luchd fhèin – facal a th' anns an dàn - às an dàn.