20mh linn / Aonghas MacNeacail

Bàrdachd - smuaint à broadway

Dàn 3

Tha am bàrd a' cleachdadh an fhacail 'manhattan', ann an clò eadailteach, aig toiseach gach earrainn / rainn, mar seòrsa de shèist. Tha seo agus cruth nan rannan fhèin – trì loidhnichean, mar as trice den aon fhaid agus ruitheam – a' toirt dhuinn faireachdainn gur e duan, no 'chant', a tha an seo. Tha coltas aige ri òran-luaidh cuideachd anns an dòigh sa bheil e a' cumail a' dol air ais chun an aon rud ach gar toirt ceum air adhart gach turas cuideachd.


Tha a' chiad cheithir rannan a' tòiseachadh san aon dòigh – 'manhattan / ainm nan àirde'. Tha Manhattan ainmeil airson togalaichean àrda agus a rèir choltais 's e 'eilean nan cnoc' a tha an t-ainm a' ciallachadh ann an cànan nan daoine leis an robh e an toiseach.


Tha a' chiad trì rannan a' ruith air na stuthan dhe bheil mòr-thogalaichean Manhattan dèante - glainne, stàilinn agus clach – gach turas a' cur rud ùr ris an tuairisgeul. Tha iad mar airgead-beò, tha iad a' lùbadh sa ghaoith, tha iad nan dachaigh do dhaoine beairteach agus bochd. Sin Manhattan, mar a tha e an-diugh.


Tha an ceathramh rann diofraichte. 'S e Manhattan an t-ainm a bha aig ainm 'tùs-sluagh na tìr' air an àite seo. 'S iad sin na daoine a bha ann an Ameireaga mus tàinig na h-eilthirich às an Roinn-Eòrpa. Tha an seann sluagh sin an seo fhathast, tha am bàrd ag ràdh, anns an spiorad co-dhiù, ged a chaidh an t-àite a thoirt bhuapa agus iad fhèin a sgiùrsadh a-mach às. Tha am 'bith', an spiorad, a' cumail 'faire', a' cumail sùil air gnothaichean. Tha an eachdraidh aca gun chadal.


smuaint à broadway

  • manhattan
  • ainm nan àirde stàilinn
  • a' lùbadh, gu dùbhlan
  • nan oiteag, nan gailleann
  • manhattan
  • ainm nan àirde anail,
  • tùs-shluagh na tìr,
  • bith bhalbh air faire
  • manhattan, manhattan
  • geum-gaoithe nan anam
  • san eachdraidh nach caidil

smuaint à broadway

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Thàinig smuaint à broadway às a bhith a' coimhead a-mach air uinneag air an ochdamh ùrlar ann am flat no apartment a bh' air 89th and Broadway ann am Manhattan.

Bha mi a' coimhead sìos Sraid Broadway agus 's e àite cho iongantach a th' ann. Tha mi air a bhith ann am Manhattan dà thuras, bha seo air a' chiad turas, fichead bliadhna air ais. Agus sin a' chiad turas a bha mi a-riamh ann am Ameireagaidh. Bha rudeigin mu dheidhinn Manhattan a bha cho tarraingeach.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Aonghas MacNeacail

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.