20mh linn / Aonghas MacNeacail

Bàrdachd - breisleach

Dàn 2

Tha dreach seann òrain air an dàn seo. Tha seo ri fhaicinn ann an rannaigheachd, ìomhaighean agus cànan, ged a tha am bàrd a' cur a dhreach fhèin, dreach an latha an-diugh, air cuideachd, a' cruthachadh seòrsa ùr de òran-mòr Gàidhlig.


Anns a' chiad dà rann tha MacNeacail ag innse mar a tha coltas a' bhoireannaich ga leantainn, mar mhanadh, anns gach àite. Tha e a' faicinn a h-aodainn anns na craobhan agus am measg nan sligean air an tràigh. Cha chuir deoch-làidir no cadal às a chuimhne i.


Nan tigeadh iad còmhla agus gum biodh iad rèidh, sguireadh a' bhreisleach seo, tha e ag ràdh anns an treas rann.


Anns an rann mu dheireadh, tha e a' cleachdadh mar ìomhaighean rudàn nach eil anns a' chumantas a' dol le chèile: creag agus abhainn, famh agus iolaire, feamainn agus subh-làir. A bheil e a' ciallachadh gu bheil iadsan mar sin, cho fada sin o chèile? Ach a dh'aindeoin sin gur dòcha gun tig iad ri chèile agus gun tig a' bhreisleach gu ceann?


breisleach

  • chaidh mi 'n-dè dhan choille challtainn
  • shireadh chnòthan airson biadh
  • ach 's e bh' air a h-uile geug ach
  • d' aodann-sa gam thriall.
  • chaidh mi 'n-dè gu tràigh a' mhaoraich
  • lòn de choilleagan a bhuain
  • nochd a h-uile slige neamhaid
  • d'àilleachd-sa a luaidh
  • chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsta
  • son do sgiùrsadh as mo cheann
  • h-uile glainne thog mi thaom do
  • mhaiseachd aist' na deann.
  • chlaon mi tràth a raoir dhan leabaidh
  • thusa ruagadh às le suain
  • ach cha tug thu cead dhomh cadal
  • gus an dèanainn duan
  • dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
  • ach gu bheil sinn roinnt o chèil'
  • do chumadh bhith an àit' do shamhla
  • agam bhios an fhèill.
  • dh'fhàg thu mi nam bhaothair gòrach
  • bòdhradh chàirdean le do chliù
  • nuair a thig thu chì iad nach eil
  • mearachd ann am fhiù
  • chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth
  • famh is iolair' anns an ruidhl'
  • stamh gu caomh ag altram sùbh-làir
  • mireadh mu an sùil.
  • chì iad mis' is thusa sùgradh
  • bil ri bil ar n-anail aoint'
  • cniadachadh mar seo gu sìor le
  • chèile b' e ar maoin

breisleach

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' cluinntinn breisleach air a sheinn

Nuair a tha mise a' cluinntinn Karen a' seinn breaslach, 's i a' chiad smuaint a th'agam, b'fheàrr leam gu robh mi air siud a sgrìobhadh – O, 's mi a sgrìobh e…. mìorbhaileach, mìorbhaileach!

'S e an rud a tha mìorbhaileach dhomh mu dheidhinn an òrain gur e a' chiad oidhirp a rinn mi air òran a sgrìobhadh. Bha mi airson faighinn a-mach am b' urrainn dhomh pìos bàrdachd a sgrìobhadh ann an cruth òrain. 'S aon uair 's gu robh e deiseil is mi a' smaointinn uill, chan eil fios 'am dè cho math 's a tha siud ach cha chreid mi gu bheil e tuilleadh is dona. Bhiodh e math nam biodh dòigh air fonn fhaighinn dha.

Agus bliadhnaichean as dèidh sin bha mi air bàta-aiseig a-null chun a' chiad Mhòid ann an Steòrnabhagh agus air an aon bhàta bha Capercaille is bha mi eòlach air Karen is Dòmhnall. Bha mi eòlach air Dòmhnall nuair a bha e na sgoilear ann an sgoil an Òbain agus bha esan a' caoidh gainnead, thuirt e, contemporary Gàidhlig songs in the folk idiom. Is thuirt mise ris, uill tha fear no dhà anns a' chiad leabhar bàrdachd agam is thug mi lethbhreac dha dhen an leabhar. Thuirt e nach biodh e comasach dha sealltainn ris airson dhà no trì sheachdainean oir bha tuilleadh 's a' chòrr aige ri dhèanamh.

Bliadhnaichean as dèidh làimh, nuair a bha an t-òran air a chlàradh is bha ri chluinntinn gu math tric air an rèidio is eile, chuala mi Dòmhnall a' bruidhinn ri Iain Anderson air Anderson's Fine Tunes mu dheidhinn, nach b'urrainn dha coimhead air an leabhar aig Aonghas airson ma thrì seachdainean is thuirt e nuair a fhuair e cothrom, thug e sùil air an òran agus smaoinich e, tha fonn agam a nì an gnothaich. With a wee bit of tinkering, nì e an gnothaich airson an òrain a tha seo agus sin am fonn airson breisleach. Bha am fonn a' feitheamh air òran, is an t-òran a' feitheamh air fonn agus feumaidh mi fhèin a ràdh, abair pòsadh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Aonghas MacNeacail

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.