20mh linn / Aonghas MacNeacail

Bàrdachd - breisleach

Dàn 2

Tha dreach seann òrain air an dàn seo. Tha seo ri fhaicinn ann an rannaigheachd, ìomhaighean agus cànan, ged a tha am bàrd a' cur a dhreach fhèin, dreach an latha an-diugh, air cuideachd, a' cruthachadh seòrsa ùr de òran-mòr Gàidhlig.


Anns a' chiad dà rann tha MacNeacail ag innse mar a tha coltas a' bhoireannaich ga leantainn, mar mhanadh, anns gach àite. Tha e a' faicinn a h-aodainn anns na craobhan agus am measg nan sligean air an tràigh. Cha chuir deoch-làidir no cadal às a chuimhne i.


Nan tigeadh iad còmhla agus gum biodh iad rèidh, sguireadh a' bhreisleach seo, tha e ag ràdh anns an treas rann.


Anns an rann mu dheireadh, tha e a' cleachdadh mar ìomhaighean rudàn nach eil anns a' chumantas a' dol le chèile: creag agus abhainn, famh agus iolaire, feamainn agus subh-làir. A bheil e a' ciallachadh gu bheil iadsan mar sin, cho fada sin o chèile? Ach a dh'aindeoin sin gur dòcha gun tig iad ri chèile agus gun tig a' bhreisleach gu ceann?


breisleach

  • chaidh mi 'n-dè dhan choille challtainn
  • shireadh chnòthan airson biadh
  • ach 's e bh' air a h-uile geug ach
  • d' aodann-sa gam thriall.
  • chaidh mi 'n-dè gu tràigh a' mhaoraich
  • lòn de choilleagan a bhuain
  • nochd a h-uile slige neamhaid
  • d'àilleachd-sa a luaidh
  • chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsta
  • son do sgiùrsadh as mo cheann
  • h-uile glainne thog mi thaom do
  • mhaiseachd aist' na deann.
  • chlaon mi tràth a raoir dhan leabaidh
  • thusa ruagadh às le suain
  • ach cha tug thu cead dhomh cadal
  • gus an dèanainn duan
  • dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
  • ach gu bheil sinn roinnt o chèil'
  • do chumadh bhith an àit' do shamhla
  • agam bhios an fhèill.
  • dh'fhàg thu mi nam bhaothair gòrach
  • bòdhradh chàirdean le do chliù
  • nuair a thig thu chì iad nach eil
  • mearachd ann am fhiù
  • chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth
  • famh is iolair' anns an ruidhl'
  • stamh gu caomh ag altram sùbh-làir
  • mireadh mu an sùil.
  • chì iad mis' is thusa sùgradh
  • bil ri bil ar n-anail aoint'
  • cniadachadh mar seo gu sìor le
  • chèile b' e ar maoin

breisleach

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

O uill cha bhi mi ag innse! 'S ann mu dheidhinn tè a tha e. Ach nas motha na tha e mu dheidhinn tè àraidh, tha e mu dheidhinn gaol, tha e mu dheidhinn ionndrainn, tha e mu dheidhinn dealachadh.

Bha mi aig an t-Sabhal Mhòr fhathast nuair a rinn mi an t-òran sin agus bha mi air a bhith ga mo bhogadh fhèin gu domhainn ann an leabhraichean mu dheidhinn beul-aithris, mu dheidhinn shamhlaidhean Gàidhlig agus gu dearbha mu dheidhinn shamhlaidhean eadar-nàiseanta. Bha mi a' feuchainn ri beagan dhen sin a thoirt a-staigh dhan an òran, a' choille challtainn agus cuid de na samhlaidhean san òran.

Pàirt dhen amas a bh'agam, 's e gum biodh an t-òran air fhaicinn mar òran a bha ùr dhan an latha againne ach a dh'fhaodadh a bhith cho seann ri òran a bha ann an Gàidhlig.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Aonghas MacNeacail

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.