a nochd is tu bhuam
- ged a bhiodh cuairt nan reul
- eadar mi is tu
- cha chrìon an snàth-sìoda
- a chuibhrich thu rium
- a cheangail mi riut,
- agus a-nochd is tu bhuam
- tha mi san dubhar
- cur bhriathran thugad
- luchd mo chridhe
- faclan trom dorcha gun chruth,
- foghair is connrag
- a' sìolachadh gu ciall,
- mar a tha duilleach nan craobh
- a' cromadh nan geug,
- anns an doilleir
- san oiteag
- a' mireadh an guirme
- priobadh na camhanaich
a nochd is tu bhuam
Tuilleadh mun dubhar. Tha na faclan ris a bheil e a' strì dorcha 'gun chruth'. Anns a' Bhìoball, tha e air innse mus do rinn Dia an Saoghal gun robh a h-uile rud 'dorcha gun chruth'.
An seo, chan eil a' tighinn aige fhathast air na faclan a chur ann an riochd a tha a' dèanamh ciall, a tha a' cur solas air gnothaich no a' cur cruth air an t-saoghal aige.
