a nochd is tu bhuam
- ged a bhiodh cuairt nan reul
- eadar mi is tu
- cha chrìon an snàth-sìoda
- a chuibhrich thu rium
- a cheangail mi riut,
- agus a-nochd is tu bhuam
- tha mi san dubhar
- cur bhriathran thugad
- luchd mo chridhe
- faclan trom dorcha gun chruth,
- foghair is connrag
- a' sìolachadh gu ciall,
- mar a tha duilleach nan craobh
- a' cromadh nan geug,
- anns an doilleir
- san oiteag
- a' mireadh an guirme
- priobadh na camhanaich
a nochd is tu bhuam
Ìomhaigh air astar cho fad às is as urrainn dhuinn smaoineachadh air. Ged a bhiodh iad cho fada ri sin bho chèile...
Tha am bàrd seo a' tarraing ìomhaighean à iomadh cultar - creideamh Bhuddha an seo dòcha. Tha an creideamh sin a' bruidhinn air 'am fànas' spioradail a tha an taobh a-staigh dhinn.
