20mh linn / Anna Frater

Cuspairean

Na bàrdachd, tha Anna Frater tric a' meòmhrachadh air Leòdhas, an t-eilean dham buin i agus air earrannan sònraichte de dhualchas an eilein agus de dhòigh-beatha làitheil nan daoine. Tha i cuideachd tric a' dèiligeadh na bàrdachd ri cor na Gàidhlig agus nàiseantachd ach tha i uaireannan eile a' leudachadh a seallaidh gu rudan a tha a' tachairt ann am pàirtean eile den t-saoghal.


Bidh Frater cuideachd a' dèiligeadh ri cuid de na ceistean farsaing, moralta a tha fa chomhair dhaoine san latha an-diugh agus ri Cuspairean pearsanta, mar a nàdar fhèin agus gaol.


Tha Anna Frater mar as trice a' cur a smuaintean an cèill tro bhith a' snìomh ìomhaighean ri chèile gu sgileil, uaireannan ga fhàgail aig an leughadair am mìneachadh. Mar as trice tha i a' cleachdadh saor-rannaigheachd.


Teacsa

Tha aon chuspair tric a' nochdadh sna dàin aig Anna

Tha an t-uabhas agam mu dheidhinn gaol agus briseadh cridhe air sgàth 's nach robh mi uabhasach fortanach le na fir, mar a chanas iad. Bha mi a' priobadh air tòrr agus b' ann glè ainneamh a bhiodh duine a' priobadh air ais. Bha mi dìreach ag obrachadh tron sin aig an àm, a' feuchainn ri obrachadh tro na faireachdainnean agam. Ach gu fortanach tha sin air sgur a-nis.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.