20mh linn / Anna Frater

Cuspairean

Na bàrdachd, tha Anna Frater tric a' meòmhrachadh air Leòdhas, an t-eilean dham buin i agus air earrannan sònraichte de dhualchas an eilein agus de dhòigh-beatha làitheil nan daoine. Tha i cuideachd tric a' dèiligeadh na bàrdachd ri cor na Gàidhlig agus nàiseantachd ach tha i uaireannan eile a' leudachadh a seallaidh gu rudan a tha a' tachairt ann am pàirtean eile den t-saoghal.


Bidh Frater cuideachd a' dèiligeadh ri cuid de na ceistean farsaing, moralta a tha fa chomhair dhaoine san latha an-diugh agus ri Cuspairean pearsanta, mar a nàdar fhèin agus gaol.


Tha Anna Frater mar as trice a' cur a smuaintean an cèill tro bhith a' snìomh ìomhaighean ri chèile gu sgileil, uaireannan ga fhàgail aig an leughadair am mìneachadh. Mar as trice tha i a' cleachdadh saor-rannaigheachd.


Teacsa

Co às a bhios na h-ìomhaighean a' tighinn?

Glè thric bho nàdar, uaireannan rudan às na naidheachdan, uaireannan tha mi a' lorg ìomhaigh airson faireachdainn sònraichte agus tha e a' tighinn às an sin. Uaireannan, tha an ìomhaigh ceangailte ris an fhaireachdainn fhèin. Ach glè thric cuideachd bhon choimhearsneachd fhèin, gu h-àraidh na dàin a rinn mi mu dheidhinn na dachaigh, agus mun chànan. Tha iad a' tighinn bhon choimhearsneachd anns an do dh'fhàs mi suas agus bho beatha làitheil na coimhearsnachd. Tha mi a' faighinn tòrr ìomhaigheachd às an sin.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.