Na bàrdachd, tha Anna Frater tric a' meòmhrachadh air Leòdhas, an t-eilean dham buin i agus air earrannan sònraichte de dhualchas an eilein agus de dhòigh-beatha làitheil nan daoine. Tha i cuideachd tric a' dèiligeadh na bàrdachd ri cor na Gàidhlig agus nàiseantachd ach tha i uaireannan eile a' leudachadh a seallaidh gu rudan a tha a' tachairt ann am pàirtean eile den t-saoghal.
Bidh Frater cuideachd a' dèiligeadh ri cuid de na ceistean farsaing, moralta a tha fa chomhair dhaoine san latha an-diugh agus ri Cuspairean pearsanta, mar a nàdar fhèin agus gaol.
Tha Anna Frater mar as trice a' cur a smuaintean an cèill tro bhith a' snìomh ìomhaighean ri chèile gu sgileil, uaireannan ga fhàgail aig an leughadair am mìneachadh. Mar as trice tha i a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.
Mar a bhios a' bhana-bhàrd a' sgrìobhadh
Mar as tric, tha mi a' tòiseachadh le ìomhaigh. Tha mi a' faicinn rudeigin no a' cluinntinn rudeigin agus a' smaoineachadh gum biodh sin na dheagh ìomhaigh air rudeigin eile. Agus glè thric tha mi làithean no fiù 's seachdainean 's tha an rud a tha seo a' dol mu chuairt nam eanchainn. Mar gum biodh dè, ciamar a tha mi dol ga chleachdadh, dè na facail a tha mi dol a chur ri chèile? 'S ann ainneamh a tha rud a' tighinn a-mach anns a' bhad. Glè thric tha dhà no trì làithean, no uaireannan seachdainean mus cuir mi peann ri pàipear agus mus bi mi riaraichte leis an rud a th' agam. Uaireannan tha rud dìreach a' tighinn thugam agus tha mi ga sgrìobhadh sìos ach mar as trice, tha mi a' tòiseachadh le ìomhaigh agus ag obrachadh a-mach bhon sin.
Aon uair 's gu bheil mi fhìn riaraichte leis an dàn, tha mi ga fhàgail mar a tha e ach a-mhàin le aon dhàn a rinn mi, Leasachadh. Tha loidhne faisg air an deireadh: Cha sheinn uiseag tuilleadh sàbhailte nam gheug. Agus b' ann nuair a leugh i e, thionndaidh mo mhàthair rium, 's thuirt i, "Ist, oinnsich, nach eil fhios agad nach bi uiseagan ann an craobhan ann!" 'S dh'atharraich mi e gu isean! Ach a bharrachd air an sin, tha mi dìreach gam fàgail mar a tha iad.
Uaireannan, b'fheàrr leam gum bithinn air a chur ann an dòigh eadar-dhealaichte ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil e mar phàirt dhen obair a bhith ag ionnsachadh bho rudan agus tha mi a' dèanamh barrachd smaoineachaidh a-nise mus cuir mi rud ann an clò: a bheil mi dha-rìribh riaraichte leis agus a bheil mi air smaoineachadh mu dheidhinn ceart, na bha mi nuair a bha mi na b' òige. Ach b' e sin a rinn mi aig an àm agus tha mi dìreach ga fhàgail mar a bha e.
Air adhart gu
BàrdachdBBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.