20mh linn / Anna Frater

Bàrdachd - Ceist

Dàn 4

Dàn beag sìmplidh sa bheil Anna Frater a' bruidhinn air duine a tha na sgoilear foghlaimte. A rèir choltais, tha an duine seo comasach air leughadh agus tuigsinn sgrìobhaidhean domhainn ann an seann chànanan – mothaich dhan uaim spòrsail ann an 'cànanan caillte'. Ach tha e coltach nach eil e comasach air ise a 'leughadh'. Is e sin, chan eil e comasach air tuigsinn gu bheil faireachdainn àraidh aice dha.


Ceist

  • Am feum mi bhith a' sgrìobhadh
  • mus leugh thu mi?
  • A bheil do cheann cho làn
  • de dh'fhacail Ghallta
  • 's de litreachas
  • nan cànanan caillte
  • 's nach urrainn dhut
  • teachdaireachd mo shùilean
  • a thuigsinn?

Ceist

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Bha mu dheidhinn fear a bha mi a' smaoineachadh a bha an ìre mhath air an aon ràmh rium a thaobh dè an seòrsa rudan a bha sinn a' dèanamh, na rudan anns an robh ùidh againn. Ach aig an aon àm, bha e mar nach b' urrainn dha na signals a bha mi a' cur a-mach a leughadh. Agus bha mi dìreach a' beachdachadh air a' chùis, an e nach robh mi a' cleachdadh a' chànain ceart dhàsan. Feumaidh e a bhith nach robh!

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Anna Frater

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.