20mh linn / Anna Frater

Bàrdachd - Màiri Iain Mhurch' Chaluim

An Iolaire


Bha an Iolaire a' seòladh às A' Chaol gu ruige Steòrnabhagh an Eilean Leòdhais oidhche na Bliadhn' Ùir, 1919, le mòran de dh'fhir an eilein a bha a' tilleadh dhachaigh an dèidh a bhith a' sabaid sa Chogadh Mhòr. Chaidh an Iolaire fodha air Biastan Thuilm agus solais Steòrnabhaigh rim faicinn air fàire. Chaidh co-dhiù 205 duine a-mach às an 280 air bòrd a bhàthadh an oidhche sin (ged nach eilear cinnteach dìreach co-mheud duine a bh' air bòrd) agus bha athair seanmhair Anna Frater air fear dhiubh sin. Chun an latha an-diugh, chan eil duine cinnteach dè dh'adhbhraich an tubaist. Cha robh teaghlach ann an Eilean Leòdhais agus Na Hearadh air nach tug call na h-Iolaire buaidh. Tha carragh-chuimhne do na seòid a chaochail ri fhaicinn air na creagan ann an Tolm, os cionn na mara far an deach am bàta fodha.


Nuair a chaidh an Iolaire air na creagan, shnàmh aon duine gu tìr le ròpa agus cheangail e an ròpa ri creag. Fhuair mòran air tìr air an ròpa ach mu dheireadh bhris e agus chaidh na bha air aig an àm a bhàthadh, athair Màiri, seanmhair Anna, nam measg. Tha muir, ròpa agus creag air an cleachdadh mar ìomhaighean tron bhàrdachd. Tha cruth agus cànan na bàrdachd gu math sgileil.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


DEALBH

An Iolaire

DEALBH

Crann na h-Iolaire

DEALBH

Màiri Iain Mhurch' Chaluim

Màiri Iain Mhurch' Chaluim

  • Mo sheanmhair, a chaill a h athair air an Iolaire, oidhche na Bliadhn' Ùir, 1919
  • Tha mi nam shuidhe ag èisteachd ribh
  • agus tha mo chridh' a' tuigsinn
  • barrachd na mo chlaisneachd;
  • 's mo shùilean a' toirt a-steach
  • barrachd na mo chluasan.
  • Ur guth sèimh, ur cainnt
  • ag èirigh 's a' tuiteam mar thonn
  • air aghaidh fhuar a' chuain
  • 's an dràst' 's a-rithist a' briseadh
  • air creag bhiorach cuimhne;
  • 's an sàl a' tighinn gu bàrr
  • ann an glas-chuan ur sùilean.
  • "Bha e air an ròp
  • an uair a bhrìs e..."
  • Agus bhris ur cridhe cuideachd
  • le call an ròpa chalma
  • air an robh grèim gràidheil agaibh
  • fhad 's a bha sibh a' sreap suas
  • nur leanabh.
  • Agus, aig aois deich bliadhna,
  • cha robh agaibh ach cuimhne air a' chreig
  • a bhiodh gur cumail còmhnard;
  • 's gach dòchas a bha nur sùilean
  • air a bhàthadh tron oidhch' ud,
  • 's tro gach bliadhn' ùr a lean.
  • Chàirich iad a' chreag
  • agus dh'fhàg sin toll.
  • Chruadhaich an sàl ur beatha
  • agus chùm e am pian ùr;
  • agus dh'fhuirich e nur sùilean
  • cho goirt 's a bha e riamh;
  • agus tha pian na caillich
  • cho geur ri pian na nighinn,
  • agus tha ur cridhe
  • a' briseadh às ùr
  • a' cuimhneachadh ur h-athar.
  • "... oir bha athair agam ..."

Màiri Iain Mhurch' Chaluim

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Co mu dheidhinn a tha an dàn?

Tha an dàn sin mu dheidhinn mo sheanmhar. Agus 's e thug orm a sgrìobhadh, ged a bha fios aig a h-uile duine san teaghlach gun chailleadh mo shin-sheanair air an Iolaire, cha robh mi a' tuigsinn cho domhainn, cho cruaidh 's a bha e fhathast air mo sheanmhair, fiù 's às deidh seachdad bliadhna. Agus 's ann ag èisteachd rithe 's i a' toirt seachad agallamh do Radio nan Gàidheal, 's tha mi a' smaoineachdh gur ann seachad sa còig bliadhna às deidh an rud, 's bha i a' bruidhinn mun oidhche sin agus a' bhuaidh a bh' aige air an teaghlach.

Agus cuideachd, 's e an rud nach d' fhuair i a h-ainm fhèin oir ron Iolaire, 's e Màiri Iain Mhurchaidh Chaluim a bh' aig a h-uile duine sa bhaile oirre agus as dèidh an Iolaire, 's e Màiri Bheag Chatrìona. Agus bha i a' faireachdainn mar gum biodh a h-athair air a dhubhadh a-mach à eachdraidh agus bha sin ga dhèanamh na bu mhiosa dhith.

'S e sin a thug orm an dàn a bha seo a sgrìobhadh, dìreach ag èisteachd ris an agallamh a thug i seachad agus tha mi smaoineachadh a' faighinn beagan a bharrachd tuigse air mo sheanmhair.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Anna Frater

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.