Màiri Iain Mhurch' Chaluim a' cuimhneachadh
Cha robh mise a' dèanamh càil a-muigh. Bha mi a' cuideachadh mo mhàthar ag ullachadh airson m' athar. Cha robh sinn cinnteach… fhuair i litir bhuaithe na làithean ron sin, agus gu robh dùil aige ri leave is gu robh e an dòchas gu faigheadh e leave na Bliadhn' Ùire 's gum baisteadh e an leanabh. Cha robh an duine a b' òige ach sia mìosan. Bha an t-suipear aice ga h-ullachadh agus an ath-dhoras dhuinn, bha bùth is bha each is gig aige, Poilidh. B' e Coinneach Mhurchadh Ghreusaiche a chanadh iad ris agus thuirt mi ri mo mhàthair, an dùil nan tigeadh m'athair a-nochd, an dùil nach toir Poilidh dhachaigh e. Ma thig d' athair a-nochd, ars ise, chan fhàg Poilidh an Steòrnabhagh e. 'S bha sinn mar sin.
Bha bàs an ath dhoras dhuinne, Dòmhnall Beag Mhurchaidh Bhig, agus thàinig Iain bràthair mo mhàthar a-steach 's e anns an taigh-fhaire agus thuirt e gu robh e a' cluinntinn nan conacagan. Is thuirt mo mhàthair, bha, ars ise, conacagan na Bliadhna Ùire tha mi creidsinn. Cha b' e, ars' esan, b' e bha siud ach conacagan èiginnneach.
Nise tha cuimhn' agam air an sin ged a b' ann a-raoir a bhiodh air a bhith ann agus làrna-mhàireach thòisich mo mhathair a' nigheadaireachd. Cha tàinig m'athair. An t-searbhant a bh' aig bràthair mo mhàthar, thàinig e a chuideachadh mo mhàthar a' nigheadaireachd is bha mi a' gabhail iongantas gun thachair sin agus chunna mi m'antaidh a' tighinn a-nuas an rathad agus chaidh i a thaigh Dhòmhnaill na Pìobaire. Thàinig Dòmhnall na Pìobaire an oidhche sin agus chaidh i a thaigh Dhòmhnaill na Pìobaire 's bha mi a' cumail ealla rithe agus chunna mi gun deach i a-mach an lot gu taigh Iain, bràthair mo mhàthar. Agus b' ann anns an tighinn a-steach dhi, b' ann a thàinig i a-steach, 's sheas i anns an doras. Nuair a chunnaic mo mhàthair i, dh' aithnich i anns an spot gu dè bh' ann b' i piuthar eile m'athar a thàinig à Portmholair a dh'innse dhan an tè sin.
Bha Torcuil aig Tormod, bha e a-staigh ann an taigh John Murdo, is bha John Murdo air fear de na steamairean an oidhche sin agus bhruidhinn iad air. Bhruidhinn iad air. Nise, cha robh idea aig John Murdo gu robh Torcuil a-staigh ann. Agus chuala e ag ràdh gu robh Iain Mhurch' Chaluim, 's e sin a chanadh iad ri m'athair, air a chall is chaidh Torcuil a-steach is dh' inns e sin dha athair. 'S bha m' antaidh, bha i deiseil, le cuid aodaich Sàbaid oirre, 's i a' dol dhan t-searmon.
An àite a dhol dhan t-searman thàinig i, is nuair a thàinig i a-nuas, chaidh i gu piuthair eile a bha aig ceann a-muigh a' bhaile. Nuair a sheas i anns an doras thuirt i rithe, eil lorg agad air do bhràthair? Sin mar a fhuair sinn an sgeul air m'athair. Cha tàinig fios bho dhuine. Bha iad mar gum biodh iad a' teicheadh bhuainn. Cha tàinig bràthair màthar na eile a dh' innse dhuinn ach mar siud. Cha do chreids mi idir, cha robh mi ga chreidsinn idir gun thachair e gun tàinig iad a-steach dhan taigh fhaire. Agus nuair a thàinig piuthar m' athar a-steach, sheas i anns an doras 's thuirt i - bha an còigear againn timcheall air mo mhàthair, cha robh mise ach deich agus an duine a b' òige sia mìosan - agus thuirt i, taing dhan Chruthaighear, ars ise, gur e sgiath ur màthar a th'agaibh a-nochd ged is e mo bhràthair a bh' ann.