18mh linn / Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Cuspairean

'S e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, ann am beachd mòran, sàr-bhàrd Gàidhlig na h-18mh linn agus fear de na bàird Ghàidhlig a b' fheàrr a bha ann riamh.


Tha foghlam farsaing aig Mac Mhaighstir Alasdair agus eanchainn gheur. Tha sgil sònraichte aige le cànan agus rannaigheachd agus mac-meanmna ar leth cruthachail. Thug e a-steach grunn chuspairean agus stoidhlichean ùr dhan Ghàidhlig agus tha buaidh mhòr air a bhith aige air na bàird Ghàidhlig a thàinig às a dhèidh.


Tha faisg air an dara cuid den bhàrdachd aig Mac Mhaighstir Alasdair mu ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745/6, iomairt ris an do chuir e a thaic mar shaighdear agus mar bhàrd, ach rinn e dàin is òrain cuideachd air raon farsaing de chuspairean eile, nam measg: nàdar (b' e fear den chiad bhàird Ghàidhlig a rinn seo), Clann Ràghnaill, gaol agus boireannaich, cuspairean èibhinn (nam measg drabastachd agus aoirean) agus cuspairean farsaing leithid nàdar na bàrdachd agus na Gàidhlig.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Ag innse mu Òran Eile don Phrionnsa

Tha e doirbh a ràdh dè an cuspair a bu, dè an cuspair bu tric a bh' aige.

Tha mise smaoineachadh gu bheil dealbh nach eil buileach slàn againn dhen a' bhàrdachd bhon nach eil, fiù 's chun an latha an-diugh, bàrdachd gu lèir an duine, no na th' air fhàgail dhen a' bhàrdachd aig Mac Mhaighstir Alasdair, chan eil fhios againn dè nach eil air fhàgail againn.

Na th' air fhàgail dhen a' bhàrdachd againn, chan eil e againn am broinn aon leabhar, 's tha sin àraid. Am bàrd bu chudromaiche a bh' againn riamh, dh'fhaodar a ràdh, ann an dualchas na Gàidhlig, suas gu àm Shomhairle MhicGill-Eain co-dhiù, agus chan eil a' bhàrdachd aige air a trusadh còmhla ann an aon leabhar. 'S feumaidh duine a dhol eadar leabhraichean agus tha feadhainn dhe na pìosan bàrdachd aige a tha gu math doirbh làmh a chuir orra, tha iad ann an seann leabhraichean, no as an leabhar a chuir e mach e fhèin ann an 1751. 'S mar sin tha e doirbh do dhuine sam bith dealbh slàn a bhith aca air iomadachd an duine, agus 's e sin a tha bualadh ormsa, 's e cho farsaing 's a tha gach gnè bàrdachd a rinn e – iomadach, iomadach gnè, cuspair, stoidhle, ruitheam, meatarachd as a' bhàrdachd aige. Agus, 's e peacadh a th' ann ann an dòigh nach eil deasachadh coileanta, slàn againn dhen a' bhàrdachd aige.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.