18mh linn / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

Bàrdachd - Moladh Mòraig

Dàn 3

Tha cruth an dàin seo stèidhte air ceòl-mòr na pìoba, le earrannan de rithim a tha mall (an t-Ùrlar), luath (an Siubhal) agus nas luaithe buileach (An Crùnluath). Thòisich seo fasan a lean bàird Ghàidhlig eile mar Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.


'S e dàn mu shuirghe a tha an seo seach òran gaoil san t-seagh àbhaisteach, leis a' chuideam air feartan bodhaige Mòraig agus air dol-a-mach nan suirigheach ("crom-ruaig a chèile dian timcheall òganan"). Tha tòrr fealla-dhà ann, a' tighinn gu ceann san earrainn mu dheireadh far a bheil am bàrd ag ath-aithris air ìomhaighean traidiseanta bàrdachd gaoil agus ag innse dhuinn mu dheireadh gur e bruadar no faoin-sgeul a bha anns na chaidh roimhe.


Tha a' bhàrdachd fhada seo beòthail, sunndach agus a' cur thairis le mac-meanmna. Tha i a' nochdadh sgilean cànain agus rannaigheachd aig ìre àrd.


Moladh Mòraig

  • 'S truagh gun mi sa choill
  • Nuair bha Mòrag ann:
  • Thilgeamaid na croinn
  • Cò bu bhòidhch' againn:
  • Inghean a' chùil duinn
  • Air a bheil an loinn -
  • Bhiomaid air ar broinn
  • Feadh nan ròsanan;
  • Bhreugamaid sinn fhìn
  • Mireag air ar blìon,
  • A' buain shòbhrach mìn-bhuidh'
  • Nan còsagan;
  • Theannamaid ri strì
  • 'S thadhlamaid san fhrìth,
  • 'S chailleamaid sinn fhìn
  • Feadh nan srònagan.

Moladh Mòraig

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris Moladh Mòraig

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, Moladh Mòraig.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.