Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Òran don Phrionnsa
- O hì ri rì, tha e tighinn,
- O hì ri rì, 'n rìgh tha bhuainn;
- Faigheamaid ar n-airm 's ar n-èideadh,
- 'S breacan an fhèilidh an cuaich.
- 'S èibhinn leam fhìn, tha e tighinn,
- Mac an rìgh dhlighich tha bhuainn,
- Slios mòr rìoghail dan tig armachd,
- Claidheamh is targaid nan dual.
- 'S ann a' tighinn thar an t-sàile
- Tha 'm fear àrd as àille snuadh,
- Marcaich' sunndach nan steud-each
- Rachadh gu h-eutrom san ruaig.
- Samhail an Fhaoillich a choltas,
- Fuaradh-froise 's fadadh-cruaidh,
- Lann thana na làimh gu cosgairt,
- Sgoltadh chorp mar choirc' air cluain.
- Torman do phìoba 's do bhrataich
- Chuireadh spiorad bras san t-sluagh;
- Dh'èireadh ar n-àrdan 's ar n-aigne,
- 'S chùirte air a' phrasgan ruaig.
- Tàirneanach a' bhom 's a' chanain,
- Sgoilteadh e 'n talamh le chruas,
- Fhreagradh dha gach beinn 's gach bealach,
- 'S bhòdhradh a mhac-tall' ar cluas.
- Gur mairg dan èideadh san là sin
- Còta grànd' den mhàdar ruadh,
- Ad bhileach dhubh is cocàd innt' -
- Sgoiltear i mar chàl mun cluais.
Òran don Phrionnsa
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
