18mh linn / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

Bàrdachd - Òran don Phrionnsa

Dàn 2

Tha an t-òran seo eadar-dhealaichte on mhòr-chuid den bhàrdachd brosnachaidh Sheumasach aig Mac Mhaighstir Alasdair fhèin agus aig feadhainn eile san t-seagh gur e dealbh samhlachail a tha e a' toirt dhuinn air a' chuspair seach an cunntas mionaideach àbhaisteach. Tha e a' cur ìomhaigh mur coinneimh - gaisgeach treun a' tighinn thar chuain a dhèanamh euchdan mòra cogaidh - mar nàdar de 'shanas' airson ar mac-meanmna a ghlacadh, an àite a bhith toirt seachad mìneachadh fada. Tha an cuideam air faireachdainn seach fiosrachadh.


Tha am bàrd a' cruthachadh na h-ìomhaigh ghaisgeil seo tro dhealbhan mar: "marcach sunndach nan steud-each", "fuaradh-froise", "lann thana na làimh", "tàirneanaich a' bhom 's a' chanain" agus "sgoltadh chorp mar choirc' air cluain".


Tron òran, tha an t-sèist a' daingneachadh na teachdaireachd gu bheil am Prionnsa a' tilleadh agus a' brosnachadh nan Gàidheal gus èirigh a-mach às a leth.


Òran don Phrionnsa

  • 'S èibhinn leam fhìn, tha e tighinn,
  • Mac an rìgh dhlighich tha bhuainn,
  • Slios mòr rìoghail dan tig armachd,
  • Claidheamh is targaid nan dual.
  • 'S ann a' tighinn thar an t-sàile
  • Tha 'm fear àrd as àille snuadh,
  • Marcaich' sunndach nan steud-each
  • Rachadh gu h-eutrom san ruaig.
  • Torman do phìoba 's do bhrataich
  • Chuireadh spiorad bras san t-sluagh;
  • Dh'èireadh ar n-àrdan 's ar n-aigne,
  • 'S chùirte air a' phrasgan ruaig.
  • Tàirneanach a' bhom 's a' chanain,
  • Sgoilteadh e 'n talamh le chruas,
  • Fhreagradh dha gach beinn 's gach bealach,
  • 'S bhòdhradh a mhac-tall' ar cluas.
  • Gur mairg dan èideadh san là sin
  • Còta grànd' den mhàdar ruadh,
  • Ad bhileach dhubh is cocàd innt' -
  • Sgoiltear i mar chàl mun cluais.

Òran don Phrionnsa

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris Òran don Phrionnsa

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, Òran don Phrionnsa.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.