Episode details

Radio nan Gàidheal,20 Aug 2026,87 mins
Bàrdachd, reasabaidhean agus duaisean Dèan Diofar
Feasgar an-diughAvailable for 29 days
Thèid an àireamh as àirde de bhàrdachd a reic air a’ bhliadhna-sa na chaidh a chlàradh a-riamh roimhe, agus thathas ga chuir sìos gu buaidh fhilmichean leithid The Odyssey. Tha mòran a' tionndadh gu cànan na bàrdachd aig amannan sònraichte nam beatha far nach eil na dòighean cumanta air sgrìobhadh neo labhairt gan sàsachadh. Dè th’ann mu bhàrdachd a tha ga dèanamh cho tarraingeach, agus cho buntainneach dhuinn aig àmannan duilich agus toilichte nar beatha? Tha Emma a' cluinntinn bho dhithis a tha gu mòr a' sàs ann an obair bhàrdachd. Tha Jimi Famurewa, sgrùdaire thaighean-bìdh, air siubhal gu àiteachan bìdh air feadh na dùthcha a tha a’ toirt seann reasabaidhean beò a-rithist. Chan eil mòran againn nach eil a' cleachdadh reasabaidh neo dhà a fhuair sinn bho màthair neo seanmhair, neo a thàinig sìos 's an teaghlach tro na ginealachan. Tha dithis còmhla rithe Emma, a tha gu math dèidheil air còcaireachd agus bèicearachd agus iad ag innse dhi cò as a tha iadsan a’ faighinn an cuid reasabaidhean. Agus thairis air na h-ath trì seachdainean, cluinnear beagan mu'n fheadhainn a tha air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean Dèan Diofar na bliadhna-sa, duaisean a' BhBC a tha ag amas air daoine a tha a' dèanamh rudan iongantach dha na coimhearsnachdan ionadail aca, agus gan comharrachadh 's gan aithneachadh. A' chiad dhiubh sin an-diugh.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Don't Upset The RhythmDon't Upset The RhythmThe Noisettes
- 2.Slow It DownSlow It DownBenson Boone
- 3.FourFiveSecondsFourFiveSecondsRihanna, Ye & Paul McCartney