Episode details

Radio nan Gàidheal,01 Jul 2026,57 mins

Atharrachaidhean mòra aig Volkswagen, AI ann an sgrìobhadh, agus cèiliche na seachdain,Iain MacÌomhair.

Naoi gu Deich

Available for 7 days

Tha gearraidhean mòra air fàire sa Ghearmailt ann an gnìomhachas cho mòr is a tha san dùthaich: togail chàraichean. Thuirt a' chompanaidh Volkswagen gur mathaid gu feum factaraidhean mòra dùnadh, ri linn 's nach eil iad a' reic chàraichean gu leòr. Tha an t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain a' toirt sùil air dùbhlain a' chompanaidh. Cluinnidh sinn cuideachd mun deasbad a th' ann mun àite a th'aig - neo nach eil aig - AI ann an litreachas. Le ceistean mòra mu sgrìobhaichean a tha ga chleachdadh, a bheil àite ann air a shon? Agus 's e Iain MacÌomhair a tha a' cèilidh air Cathy an t-seachdain sa. Buinidh Iain do Bhreascleit an Leòdhas, ach 's ann sna poilis ann an Lunnainn a chuir e seachad a mhòr-chuid de bheatha-obrach, mus do thill e a dh'Alba. Ciamar a chaidh e an-sàs san obair sin, agus dè seòrsa obair a bh' ann? Tha fhios gun cluinn sinn seanchasan agus sgeulachdan gu leòr mun a-sin agus iomadach rud eile is e a' còmhradh ri Cathy air an Diciadain sa.

Programme Website
More episodes