Episode details

Radio nan Gàidheal,17 Jun 2026,57 mins

Armachd niuclasach, ìomhaigh Iseabail Elder an Glaschu, agus còmhradh le Niall Mitchison

Naoi gu Deich

Available for 25 days

'S iomadh ceist is adhbhar-iomagain a nochdas nuair a chluinneas sinn am facal niuclasach. Le còmhradh sna naidheachdan mu armachd niuclasach, agus mu Helium-3 is eileamaidean eile a tha dlùth-cheangailte ri saidheans niuclasach, tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais còmhla ri Cathy. Dè dìreach a bhios a' tachairt nuair a tha armachd niuclasach ga chleachdadh, agus carson a bhios rudan feumail leithid Helium-3 rin lorg an cois na h-armachd? Cluinnidh sinn cuideachd bho Chatrìona Mhoireach, is i ag innse sgeulachd Iseabail Elder - a thug mòran seachad do charthannas, agus a bhios air a cuimhneachadh le ìomhaigh ùr ann an Glaschu. Agus 's e Niall Mitchison cèiliche na seachdain. 'S iomadh rud ris an robh Niall na bheatha - bho obair aig a' Choimisean Eòrpach, gu bhith fuireachd thall san Eadailt, gu bhith seasamh mar thagraiche poilitigeach aig taghaidhean thar nam bliadhna. Ach 's ann a' còmhradh mu theaghlach, mu bheatha, agus mu chuid ùidhean a tha e le Cathy air a' mhadainn sa.

Programme Website
More episodes