Ruaraidh Rothach
Feumaidh mi ràdh gu bheil a' bhliadhna a tha mi air a chur seachad ag obair air Eòrpa air a bhith na mhòr thlachd dhomh.
Thòisich mi bho chionn bliadhna air ais 's mi an dòchas siubhal gu ceàrnaidhean annasach, ùr is inntinneach ag aithris is a' sireadh naidheachdan.
Airson a' chiad aithris agam shiubhail mi gu sgìre air a robh mi mion-eòlach - na Hearadh! 'S ann mu dheidhinn an tagradh aig na Hearadh airson inbhe pàirc nàiseanta a bha an sgeulachd, rud a bha na daoine an lùib an tagraidh agus a’ mhòr chuid de Hearaich a' faicinn a bheireadh brosnachadh mòr dhan sgìre.
Bhon uair sin tha an cead siubhail agam air a dheagh chleachdadh le tursan dhan Ghrèig ag aithris air inimrich mì-laghail, obair casg comas gin ann an Poblachd nan Seic, an neartachadh aig buidhnean a tha gu mòr chun na làimhe deis anns an Ungair agus na taghaidhean Gearmailteach. |