Tha a' mhadainn soilleir grianach,
'S a' ghaoth 'n iar a' ruith gu rèidh;
Tha an linne sleamhainn sìochail
On a chiùinich strì nan speur;
Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
'S cha chuir sgìos i dh'iarraidh tàmh;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
A' toirt an fhios seo chun a' bhàird.
Sèist:
Thoir am fios seo chun a' bhàird,
Thoir am fios seo chun a' bhàird,
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' bhàird.
Ged a roinneas gathan grèine
Tlus nan speur ri blàth nan lòn,
'S ged a chìthear sprèidh air àirigh,
Is buailtean làn de dh'àlach bhò,
Tha Ile 'n diugh gun daoine;
Chuir a' chaor' a bailtean fas;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' bhàird.
[Sèist]
Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
No 'm fear-astair fois o sgìos
No soisgeulach luchd-èisdeachd;
Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
Tha an nathair bhreac na lùban
Air na h-ùrlair far an d'fhàs
Na fir mhòr a' chunnaic mise;
Thoir am fios seo chun a' bhàird.
[Sèist]