Sèist:
Chaidh mo lothag air chall
O ho hao gur oil leam
Chaidh mo lothag air chall.
Chaidh mo lothag dhan fhèithe
Gura beud dhi dhol ann.
Chaidh mo lothag dhan mhuileann
'S i gun duine na ceann.
Chaidh mo lothag dhonn ghaolach
Null dhan aonach ud thall.
Chaidh mo lothag dhan fhireach
'S i fo shileadh nan allt.
'S i gun treabhadh an iomair
Air an ceangailt am bann.
Chaidh mo lothag a dh'Èirinn
Le fear rèidh nan rosg mall.
Bha mo lothag ciùin ciallach
Bha i ciatach ri cloinn.
[Na facail bhon leabhar i dal u dal le A. Greumach is A. NicShimidh, Acair 1991. Le cead bho Acair.]