Sèist:
Ho rò gun togainn air hùgan fhathast,
Ho rò i ò, mun tèid mi laighe
Ho rò gun togainn air hùgan fhathast.
Togamaid fonn air luadhadh a' chlòthainn
Gabhaidh sinn ceòl is òrain mhatha.
An uair a thionndas iad air clèith e
Chluinnte fuaim gach tè dhiubh labhairt.
Orain ghrinne, bhinne, mhìlse,
Aig na rìbhinnean gan gabhail.
Luinneag ac' air luadh'dh an aodaich,
Sunndach, saothrachail ri mathas.
Gu ma slàn a bhios na caoraich,
Air an d' fhàs an t-aodach flathail.
Beannachd air an làimh a shnìomh e,
'S i rinn gnìomh na deagh bhean-taighe.
Is ann a tha 'n toil-inntinn aodaich
Aig na daoin' a bhios ga chaitheamh.
'S olc an obair luadh no fùcadh
Ma bhios tùchadh oirnn le padhadh.
Greis air fìon is greis air branndaidh,
Greis air dram de'n uisge-bheatha.