| |
 |
 |

Cha tèid mi do Chille Mhoire
Hoireann ò, na hao ri ho
ro,
Cha tèid mi do Chille Mhoire
Hoireann ò, na hao ri ho
ro,
Cha dèan mi Murchadh a choinneamh
Hoireann ò, na hao ri ho ro,
Cha dèan mi Murchadh a choinneamh
Hoireann ò, na hao ri ho ro,
Chan eil ann ach òigear foinneil,
Hoireann ò, na hao ri ho ro,
Chan eil ann ach òigear foinneil,
Hoireann ò, na hao ri ho ro,
Thigeadh nuair smàlt' a' choinneal,
Hoireann ò, na hao ri ho ro,
Thigeadh nuair smàlt' a' choinneal,
Hoireann ò, na hao ri ho ro,
Dh'fhalbhadh e man goireadh coileach
Hoireann ò, na hao ri ho
ro,
Dh'fhalbhadh e man goireadh coileach
Hoireann ò, na hao ri ho
ro,
Hoireann ò, na hao ri ho ro,
Hoireann ò, na hao ri ho ro.
|
 |

Thugainn a Bhlàrag, thugainn a Bhlàrag,
Thugainn a Bhlàrag go Hàcleit còmh' rinn.
Thugainn a Bhlàrag, aig toiseach na tràghad
'S tha arbhar math làidir aig tàillear an t-Sròim.
Thugainn a chuailein, thugainn a chuailein,
Thugainn a chuailein, ma thuath thèid sinn còmhla.
'S tha arbhar math seasrach aig triùir a Chlann Sheicein
'S gun fhaigh sinn gun teagamh ann deireadh na h-oidhch'.
'S e 'n t-àit' tha mi smaointinn, tha cho math 's tha san dùthaich
Eadar gàrradh an Dùin agus 's ma chùlaibh taigh
Flòraidh
'S nam biodh òirnn an t-acras, gun dèanadh i chasg dhuinn
'S e sud rud a chleachd sinn bhith 'm aslaich aig Flòraidh.
|
 |

Brà, brà, bleith,
Brà, brà, bleith,
Beil, a chailleach, a' bhrà
'S gheibh thu fhèin am bonnach bràthan.
Cha bheil, a chiall,
Cha bhuin siud dhomh.
Brà, brà, bleith,
Brà, brà, bleith,
Beil, a chailleach, a' bhrà
'S gheibh thu cùl càise.
Cha bheil, a chiall,
Cha bhuin siud dhomh.
Brà, brà, bleith,
Brà, brà, bleith,
Beil, a chailleach, a' bhrà
'S gheibh thu fhèin mac fir-an-taighe.
Beilidh agus biadhaidh
Biadhaidh agus beilidh.
|
|