Sèist:
Nàil i bho ho hì
Nàil i bho ho hì
Ghrian 's i 'g èirigh
'S i gun smal oirre
Na air na reultan
Dh'fhoighneachd a' bhean o ud
D' an mhnaoi eile o
Na dè long ud
Stigh fo 'n eirthire
Gura dona d'fhoighneachd ort
Tha long Dhòmhnaill
'S trì chruinn sheilich innt'
Gu bheil stiùir oir oirr'
Gu bheil tobair fìon innt'
Agus tobar fìor-uisg'
Shios an deireadh innt'