Hi ill eo ro bha ho
Hi ill eo bhòidheach
'S na hi ill eo ro bha ho
Latha siubhal beinne dhomh
Latha siubhal mòintich
Thachair orm gruagach
Dhualach, bhòidheach
Sgian bheag na làimh
'S i ri buain neòinean
'S i ri buain biolaire
Theann mi null rithe
Dh' iarr mi pòg oirre
Ud! Ud! Ud-ag araidh!
A bhodachain ròmaich
'S ann an taigh m' athar fhèin
Gheibht' an còmhlan
Fichead fear adadh ann
Dusan bean cleòca
Tubhailtean geal aca
Sgaoilt' air bhòrdaibh
Cupannan crèadh' aca
'S glainneachan beòraich.