A Pheigi a ghràidh 's tu dh'fhàg mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an-dràst' thar sàil dh'Astràilia
null,
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chùrs,
'S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dhealaich thu rium.
Bhon dhealaich thu rium neo shunndach m' aigne gach là,
'S mi seòladh a' chuain, 's gach uair gam sgaradh od ghràdh,
Ma thug thu dhomh fuath, 's nach dual dhomh d'fhaighinn gu bràth,
Gum faic thu led shùil, a rùin nach bi mi fad slàn.
Cho fad 's thèid mi null bidh dùil am
tilleadh a-nall,
Far do dh'fhàg mi mo rùn fo thùrs am baile nan
Gall,
'S thèid sinn le sunnd a-null do dh'Uibhist nam beann
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.
Nuair gheibh mi ort còir ri 'r beò cha
bhi oirnn dìth
Gun dèanainn dhut lòn gu leòr air muir agus tìr;
'S ged theireadh an sluagh a luaidh nach dèanainn dhut nì,
Gun togainn dhut bàrr a ghràidh ged 's maraiche mi.
Ged 's maraiche mi tha sgìth a' treabhadh a' chuain,
Bha 'n iomadach àite is ceàrnaidh, deas agus tuath,
Chan fhaca mi ann tè Ghallda sheasadh riut suas,
A bhean a' chùil bhàin chaidh àrach an Uibhist
nam buadh.
An Uibhist nam buadh gur truagh nach robh mi leat
thall
Is fàinne den òr mud mheòir gar ceangal le bann
'S ma thilleas mi luaidh thar chuain an turas seo nall
Dh'Aird Choinnich thèid sinn le cinnt gar ceangal gu teann.
Gun sguir mi den dàn mu 'm fàs sibh
uile dheth sgìth,
'S gun tuig sibh mo chàs 's mi 'n-dràst' cho fada bho
thìr,
Ach an rud tha mi ràdh, gu bràth gun aidich mi fhìn,
'N taobh tuath Loch a' Chàrnain dh'àraicheadh cailin mo
chridh'.
[Song lyrics sourced by the Gaelic
Resource Database (GRD) for educational purposes only.]